Iomairt ùr 'son cuirp Renee NicRath agus a mic a lorg

Renee NicRath agus a mac, Anndra. Image copyright Police Scotland
Image caption Renee NicRath agus a mac, Anndra.

Thèid cuaraidh a dhrèanadh mar phàirt den rannsachadh airson boireannach à Inbhir Nis agus an gille aice a chaidh à sealladh bho chionn còrr air 40 bliadhna.

Chan fhacas Renee NicRath agus a mac, Anndra, bhon 12mh den t-Samhainn 1976.

Chaidh an càr aig a' Bhean-phòsta NicRath fhaighinn na theine air oir an A9 12 mìle deas air Inbhir Nis an là 'ud.

Cha d'fhuaireadh riamh ge-ta sgeul oirre neo air Anndra a bha 3 bliadhna de dh'aois.

Tha Poileas Alba air a bhith a' coimhead as ùr air a' chùis sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

A-nis, thathar a' tuigsinn gun tèid an t-uisge a thoirt à Cuaraidh an Lèanaich air iomall Inbhir Nis, faisg air Blàr Chùl Lodair.

Thèid an slochd sa bheil uisge domhainn - a rannsaich na poilis an toiseach ann an 1978 - a thràthadh le eòlaichean thairis air na beagan sheachdainnean ri thighinn.