Buil bhòt nan taghaidhean Eòrpach sna h-Eileanan Siar

Mapa de na h-Eileanan an Iar
Image caption Chuir a'mhòr-chuid de bhòtairean nan Eilean Siar an taic ris an SNP san taghaidhean Eòrpach.

Cleas iomadh sgìre eile, b' iad an SNP a fhuair a' chuid as motha de bhòtaichean muinntir nan Eilean Siar.

Fhuair Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 3,606 bhòtaichean.

Le 1,640 neach-bhòtaidh a' cur taic riutha, bha am pàrtaidh Brexit san dàrna àite.

Bha 814 bhòtaichean aig a' Phàrtaidh Làbarach agus fhuair na Libearalaich Dheamocratach agus na Tòraidhean le chèile 611.

Bha na h-Uainich san t-siathamh àite le 582 duine a' bhòtadh dhaibh.

Bhuannaich UKIP 189 bhòtaichean agus fhuair Change UK 130.

Bha dithis a sheas mar thagraichean neo-eisimeileach; bhòt 18 duine airson Gordon Edgar agus chuir deichnear an taic ri Ken Parke.

Uile gu lèir, bhòt 8,210 duine sna taghaidhean-sa sna h-Eileanan an Iar.

Ghabh 39.3% den fheadhainn aig a bheil còir bhòtadh an cothrom sin a dhèanamh; tha sin an-àirde beagan an coimeas ris na taghaidhean Eòrpach mu dheireadh ann an 2014 nuair a bhòt 34.9%.