Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na taghaidhean Eòrpach

'S e Pàrtaidh Bhrexit a b' fheàrr a rinn san Rìoghachd Aonaichte airson taghaidhean Pàrlamaid na h-Eòrpa le 32%. Thuirt an ceannard, Nigel Farage, gu bheil e deiseil a-niste airson seasamh an aghaidh nan Tòraidhean agus na Làbaraich ann an taghadh coitcheann. Bha na Libearalaich Dheomacratach, a rinn adhartas, san dàrna àite le 20%. Chaidh na Làbaraich fhàgail san treas àite aig 14% agus tha iarrtas ann a-niste airson am pàrtaidh taic a chur gu follaiseach ri referendum eile air Brexit. Bha na Làbaraich beagan air thoiseach air na h-Uainich aig 12%, agus 's ann dha na Tòraidhean a bha an call as motha agus iad a' tuiteam dhan chòigeamh àite le 9% den bhòt.

Ann an Alba thuirt ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, gu bheil ise riaraichte agus an SNP a-niste le triùir bhall, a bharrachd air na dhà a bh' aca agus aon bhall an urra aig Pàrtaidh Brexit, na Lib Deamaich agus na Tòraidhean. Chaill na Làbaraich an dà seat a bha aca an Alba.

Air feadh na h-Eòrpa rinn na pàrtaidhean nàiseantach adhartas. Bha iad sa chiad àite anns am Fhraing agus anns an Eadailt. Chaidh taic nam pàrtaidhean uaine suas cuideachd. Bidh fiosrachadh mionaideach againn air a' bhòt ann am prògram sònraichte an seo air Rèidio nan Gàidheal a' tòiseachadh goirid an dèidh leth uair an dèidh meadhan-là.

Slàinte san Eilean Sgitheanach

Tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, san Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Aillse an-diugh a dh'fhaicinn a bheil adhartas ann an seirbheisean slàinte, bliadhna an dèidh do Sir Lewis Ritchie sreath mholaidhean fhoillseachadh ann an aithisg neo-eisimileach air cùram 's slàinte sa sgìre. Bidh Rùnaire na Slàinte ann am Port Rìgh, an t-Ath Leathann agus anns a' Chaol an-diugh. Agus tha Sir Lewis Ritchie gu bhith sa sgìre a-màireach ro choinnneimh phoblach ann am Port Rìgh an ath-oidhche.

Cùis Renee NicRath

Tha poilis a' dol a thràthadh seann chuairidh faisg air Inbhir Nis agus iad a' rannsachadh cùis Renee NicRath agus a mac, Anndra, a chaidh a dhìth bho chionn dà fhichead bliadhna 's a trì. Chan eil sgeul air Renee, 36, agus Anndra, 3, bho chaidh iad a dìth ann an 1976. Tha poilis a' stèidheachadh pàirt den rannsachadh a-niste air slochd sa bheil uisge domhainn aig an Lèanach faisg air Inbhir Nis.

Seirbheis adhair an Eilein Sgitheanaich

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic a chur ris an iomairt son seirbheisean adhair as ùr dhan Eilean Sgitheanach. Sgrìobh an Comhairliche Ailean MacEannraig, cathraiche comataidh còmhdhail Comhairle na Gàidhealtachd, agus a tha cuideachd na chathraiche air HITRANS, gu Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMathain, ag iarraidh taic-airgid bhon riaghaltas agus a' moladh gum biodh Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean os cionn a' phròiseict. Tha iomairt a' dol air adhart san Eilean Sgiathanach an aghaidh leasachadh an raon-laighe faisg air an Ath Leathainn son seirbeisean adhair as ùr.