Taic-airgid riaghaltais ga iarraidh son seirbheis adhair as ùr dhan Eilean Sgitheanach

Skye
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh taic Riaghaltas na h-Alba a chuidicheas iad deuchainnean a dhèanamh air seirbheis adhair dhan Eilean Sgitheanach.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba airson raon-laighe aig Aiseag san Eilean Sgitheaneach a leasachadh.

Sgrìobh an Comhairliche Ailean MacEanraig, Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle agus cuideachd na Chathraiche air HITRANS, gu Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, ag iarraidh taic-airgid airson seirbheis àdhair a stèidheachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu agus Dùn Èideann aon uair eile.

Tha Mgr MacEanraig cuideachd ag iarraidh gum biodh Companaidh Phort Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean, HIAL, os cionn a' phròiseict.

Tha buill bho Chomhairle na Gàidhealtachd, HIE agus HITRANS, co-bhanntachd còmhdhail na Gàidhealtachd agus nan Eilean, air a' bhuidhinn a tha a' cur air adhart na planaichean.

Dhearbh obair rannsachaidh a rinn iad gun gabhadh, le maoineachadh gu leòr, obair leasachaidh a dhèanamh aig an raon-laighe agus na goireasan air an làraich airson itealain a ghabhadh 19 luchd-siubhail, an leithid an Twin Otter, agus a bhiodh a' dol eadar an t-eilean agus tìr-mòr.

Cho-dhùin an rannsachadh nach biodh aca ris an raon-laighe a leudachadh fon mholadh sin.

Air 16mh den Chèitean am bliadhna, dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach £170,000 a bharrachd a chur ris a' phròiseict, ach thuirt iad gu feumadh e taic a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.

Image caption Bha an t-seirbheis choimearsalta mu dheireadh dhan raon-laighe faisg air an Ath Leathann ann an 1988

Taic an riaghaltais

Sa litir aige gu Rùnaire na Còmhdhail thuirt an Comh. MacEanraig: "Tha a h-uile seirbheis PSO a tha a' siubhal eadar sgìrean comhairle mar Ghlaschu gu Ceann Loch Cille Chiarain, Tiriodh agus Barraigh a' faighinn taic bho Riaghaltas na h-Alba agus tha e eu-coltach gum faigh an t-Eilean Sgitheanach buannachd à ceanglaichean adhair nas fheàrr as aonais cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

"Mar sin, tha sinn ag iarraidh oirbh beachdachadh air taic-airgid agus taic theicneagach a thoirt dhan bhuidhinn a tha an sàs sa phròiseict airson am plana leasachaidh a thoirt gu buil."

Thuirt an Comhairliche Iain Gòrdain, Cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair aig Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha ceanglaichean math eadar sinn agus sgìrean eile riatanach airson eaconamaidh a' chinn a tuath a leasachadh.

"Tha a' chomataidh ionadail a' cur taic ri deuchainn airson iomadach adhbhar. Bhiodh e na b'fhasa do dhaoine eòlaichean slàinte fhaicinn agus na bu ghoireasaiche do luchd-gnìomhachais.

"Tha far a bheil an raon-laighe a' fàgail gum biodh buannachd ann dhan Eilean ach cuideachd do Loch Aillse agus do thaobh siar na Gàidhealtachd air fad," thuirt e.

Tha iomairt a' dol air adhart san Eilean Sgitheanach an aghaidh leasachadh an raoin-laighe faisg air an Ath Leathann son seirbisean adhair as ùr.