Cathraiche NHS na Gàidhealtachd a' toirt leisgeul do luchd-obrach a dh'fhuiling burraidheachd

Suaicheantas NHS na Gàidhealtachd

Fhuair aithisg Sturrock gu robh cultar de dh'eagal agus maoidheadh taobh a-staigh NHS na Gàidhealtachd.

Tha cathraiche na buidhne, Boyd Robasdan, air mathanas iarraidh air luchd-obrach a dh'fhuiling burraidheachd.

Bha Mgr Robasdan a' bruidhinn aig a' chiad làn choinneamh den bhòrd bhon chaidh an sgrùdadh aig an fhear-lagh, Iain Sturrock QC, fhoillseachadh.

Cho-dhùin esan gun do thachair burraidheachd agus dol-a-mach mì-iomchaidh sa bhuidhinn.

Dh'innis Mgr Robasdan do bhuill a' bhùird gun robh NHS na Gàidhealtachd a' cur fàilte air buil an rannsachaidh agus molaidhean aithisg Sturrock.

Thuirt e gun robh iad ag ullachadh plana-gnìomh airson dèiligeadh ri dragh a nochd luchd-obrach agus daoine bho thaobh a-muigh an ùghdarrais slàinte.

Thuirt e gun robh e cudromach beachdachadh air feumalachdan, chan e a-mhàin an luchd-obrach a rinn gearainnean gu poblach, ach cuideachd an fheadhainn air an do rinn na casaidean sin cron.

Thuirt Mgr Robasdan gum bi aire a' bhùird sna mìosan ri thighinn air slànachadh, co-rèite agus cultar as ùr a chruthachadh stèidhichte air cùram agus coibhneis, le spèis agus urram dhan h-uile duine.