Aiseag làn a' cur ri argamaidean airson soithichean ùra, a rèir CnES

Bàt'-aiseig
Image caption Tha e coltach nach gabh an Loch Seaforth an còrr chàraichean airson an ath thrì là.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e dearbhadh a th'ann gu bheil bàtaichean-aiseig a bharrachd a dhìth leis cho trang agus tha seirbheisean.

Tha e coltach nach eil an còrr rùm do chàraichean air an Loch Seaforth, am bàta-aiseig a tha a' dol eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, Diardaoin, Dihaoine no Disathairne.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh nach e suidheachadh neo-àbhaisteach a tha seo leis gur e là saor poblach a bh'ann Diluain agus tha sin a' fàgail barrachd dhaoine a' siubhal.

Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh ge-tà gu bheil an suidheachadh a' cur ris an argamaid aca gu bheil cruaidh fheum ann airson bàtaichean-aiseig a bharrachd airson nan eilean air fad.