Dòigh obrach ùr an NHS san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar Dheas Rois ga mholadh

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Google
Image caption Tha cùraim là agus oidhche ri fhaotainn ann an ospadal Phort Rìgh a-nis.

Nochd beachd gum faodadh na tha a' tachairt le seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Taobh Siar Dheas Rois a bhith na eisimpleir do dh'àiteachan eile ann an Alba agus do dhùthchannan eile.

'S e sin beachd Sir Lewis Ritchie a dh'fhoillsich molaidhean airson piseach a thoirt air mar a tha seirbheisean slàinte gan lìbhrigeadh san sgìre an dèidh iomairt an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.

Tha an t-ùghdarras slàinte a' togail ospadail san Ath Leathann ach bha dragh ann gun cailleadh ospadal Phort Rìgh leapannan agus nach biodh cùram èiginneach ri fhaotainn an là agus a dh'oidhche.

Bha Sir Lewis aig coinneimh phoblaich ann am Port Rìgh oidhche Mhàirt far an do mhol e an t-adhartas a rinneadh on thàinig an aithisg aige a-mach agus bhon turas mu dheireadh a bha e san sgìre.

"Thug e togail dhomh agus dha na co-obraichean agam a dh'fhaicinn an adhartais mhòir a th'air a bhith ann on bha sinn ann an seo mu dheireadh san Dùbhlachd.

"Bha e dorcha a-muigh agus bha e cuideachd dorcha a-staigh aig a' choinneimh ach dh'atharraich sin an-diugh, bha boillsgeadh grèine san t-seòmar.

"Chan ann a-mhàin mu dheidhinn daoine san sgìre seo a tha seo.

"Tha mar a tha buidhnean agus daoine ag obrachadh còmhla an seo agus dòighean ùra cùraim gan toirt seachad cudromach do dh'àiteachan eile ann an Alba agus fiù 's nas fhaide air falbh," thuirt Sir Lewis.

Image caption Rinneadh strì mhòr airson ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte.

Tha Myra NicLeòid na rùnaire dhan bhuidhinn iomairt SOS NHS a bha a' strì airson seirbheisean aig ospadal Phort Rìgh gu h-àraid a ghlèidheadh.

"Bho Dhiluain sa tighinn tha an t-ospadal gu bhith fosgailte 24 uairean san là agus faodaidh daoine a dhol a-steach agus faighinn cuideachadh sin uair sam bith.

"'S sinne a tha air ar dòigh agus tha tòrr dhaoine air a bhith ag obair cho cruaidh.

"On dh`fhàg an fheadhainn a bha os cionn NHS na Gàidhealtachd agus on thàinig feadhainn ùra a-staigh tha daoine a-nis a' faireachdainn gu bheil rudan a' tachairt," thuirt i.