"Ùghdarras ùr a dhìth" 'son cidhe Chreig an Iubhair

Cidhe Creig an Iubhair

Tha luchd-iomairt a' cur as leth Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid nach eil iad a' coimhead as dèidh cidhe Chreig an Iubhair ann am Muile math gu leòr.

Fhuair Comataidh Aiseagan Mhuile agus Eilein Ì fiosrachadh, tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, mu shreath thrioblaidean aig an làraich.

Nam measg bha dragh nach robh solais gu leòr ann agus tha e coltach gu bheil luchd-obrach air gearan gur gann a chì iad uaireanan ròpannan a' bhàt'-aiseig nuair a tha iad gan tilgeil air tir airson ceangal ris a' chidhe.

Tha a' chomataidh cuideachd a' cumail a-mach gun do chosg Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid £200,000 air a' chidhe sna sia bliadhna mu dheireadh ged a thug iad còrr agus £7,000,000 bho luchd-cleachdaidh a' ghoireis.

Tha cathraiche Comataidh Aiseagan Mhuile agus Eilein Ì, Ealasaid NicFhearghais, ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

"Tha sinn air a dhol air ais sia neo seachd bliadhna agus san ùine sin tha a' Chomhairle air dearbhadh nach urrainn dhaibh coimhead as dèidh cidhe Chreig an Iubhair neo cha bhiodh na h-uimhir a thrioblaidean air a bhith ann leis," thuirt i.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid roimhe gu bheil teachd a-steach bho chidhe Chreig an Iubhair ga chosg air na goireasan mara aca air fad agus gu bheil iad a' cumail orra a' dèanamh obair càraidh air a' chidhe nuair a thig iarrtas.