Ghairm luchd-iùil nan itealan air a' Ghàidhealtachd stailc eile

Port Adhair Inbhir Nis Image copyright Getty Images
Image caption 'S e Port Adhair Inbhir Nis fear den fheadhainn air an toir stailc an luchd-iùil buaidh.

Tha an t-aonadh Prospect ag ràdh gum bi luchd-iùil nam plèanaichean aig puirt-adhair HIAL air stailc a-rithist air an 12mh den Ògmhios.

Tha là-stailc mar-tha air a bhith aig na buill aca air an 23mh den Chèitean a dh'fhàg sia puirt adhairt air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean dùinte.

Tha iad mì-thoilichte leis an àrdachadh tuarastail a tha an luchd-fastaidh a' tabhann orra agus iad ag iarraidh 10% de phàigheadh a bharrachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil luchd-obrach iùil san roinn phrìobhaidich a' cosnadh mòran a bharrachd na tha iad.

Tha HIAL, a tha ruith puirt-adhair a' chinn a tuath, ag ràdh gu feum iad cumail ri poileasaidh an riaghaltais air pàigheadh leis gum buin iad do Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt fear-labhairt Prospect, Dàibhidh Avery: "Cha d'fhuair sinn tairgse ùr on bha a' chiad stailc againn agus, mar sin, cho-dhùin ar buill dàrna là stailc a ghairm.

"Tha an t-uallach a-nis air HIAL agus Riaghaltas na h-Alba tabhartas a chur air air a' bhòrd a rèiticheas a' chùis.

"Tha sinn ro dheònach còmhraidhean a chumail agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air fuasgladh a riaraicheas gach taobh fhaighinn," thuirt e.