Companaidh air cùl tuath gaoithe Tholastaidh an làmhan ùra

Crann gaoithe

Cheannaich BayWa roinn cumhachd ath-nuadhachail aig Forsa a tha airson 14 crainn gaoithe a chur suas ann an Tolastadh fo Thuath ann an Leòdhas.

Bidh a' chompanaidh Ghearmailteach a' gabhail uallaich airson nan tuathan gaoithe air tìr aig Forsa air feadh Alba sa bheil 350MW.

Tha an t-aonta a' cur ris na th'aca mar-thà de làraich - eadar pròiseactan cumhachd na grèine (823MW) agus na gaoithe (1047MW) san Rìoghachd Aonaichte agus am Poblachd na h-Èireann.

Tha Forsa Energy air cùl pròiseact Druim Leathann faisg air Tolastadh fo Thuath agus iad ag ullachadh tairgse airson taic riaghaltais fon sgeama, Contracts for Difference.

Ma thèid leotha, gheibh an luchd-leasachaidh subsadaidh stàit airson càball mara, a chosgadh mu £800m, a chur tarsainn a' Chuain Sgìth airson dealan a ghiùlain gu na margaidhean aig deas.