Na tadhail a' frasadh am Port Rìgh

Lìon

Tha Slèite 's an Srath a-nise leotha fhèin aig mullach Lìog an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse às dèidh dhaibh trì puingean a choisinn oidhche Mhàirt.

Bha oidhche an ìre mhath furasta aca air a' cheann thall is iad a' soirbheachadh 6-1 air falbh an aghaidh Phort Rìgh.

Chuir Ben Yoxon trì tadhail is a bhràthair Connaire leis a dhà.

Leum Caol Acain san dàrna àite, dà phuing air cùl Shlèite, às dèidh dhaibhsan buannachadh oidhche Mhàirt cuideachd.

Rinn iad an gnothach 3-1 air Gleann Eilg.

Dubhach

Sa gheama eile oidhche Mhàirt, shoirbhich Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 'son a' chiad uair air an t-seusan seo le buaidh 2-1 an aghaidh Juniors Phort Rìgh.

Ged a tha e tràth san t-seusan, tha coltas ann gu bheil Juniors cha mhòr a-mach às an rèis 'son an tiotail mar-thà.

Bidh aon gheama ann oidhche Chiadain is an Caol a' dol an aghaidh GA United.

Seo clàr nan geamaichean na seachdain ann am ball-coise ionadail:

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Diciadain 29/05

An Caol - GA United (7.30f)

Dihaoine 31/05

Gleann Eilg - Malaig (7.15f)

Disathairne 01/06

An Caol - Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich (6f)

Slèite is an Srath - Caol Acain (6f)

Cupa a' Cho-op

Disathairne 01/06

Barraigh - Am Bac (ann an Dalabrog aig 11.30m)

Beinn nam Fadhla - United (1.30f)

Saints an Iochdair - Na Lochan (10.30m)

Càrlabhagh - Èirisgeidh (11.00m)

An Rubha - Uibhist a Tuath (11.30m)

Nis - Southend (12.00f)

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile