Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Chaidh na riaghailtean fhoillseachadh an-diugh fo am biodh referendum eile ann air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Bheireadh am bile cead do Riaghaltas na h-Alba ceann-là airson referendum a chur air dòigh, agus dreach na ceiste a bhiodh ann. Tha molaidhean ann cuideachd airson bhòt do dh'fheadhainn a tha 16 bliadhna de dh'aois. Chan eil smachd aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta air cùisean na bun-reachd, 's tha iad a' moladh feitheamh gus am faigh iad an cumhachd sin bho Westminster mus biodh referendum ann mar dhòigh air tagradh laghail a sheachnadh.

Na Làbaraich

Dh'aidich tuilleadh de na h-àrd-làbaraich gun do bhòt iad do phàrtaidhean eile anns na taghaidhean Eòrpach. Chaidh Alasdair Caimbeul a chasg bhon phàrtaidh aig toiseach na seachdain seo, nuair a dh'innis esan gun do bhòt e dha na Libearalaich Dheamocratach. A-niste, thuirt seann Rùnaire na Dùthcha, Teàrlach Clarke, gun do bhòt esan dha na Lib-Deamaich, agus dh'innis Bob Ainsworth, a bha na Rùnaire Dìon, gun tug esan a bhòt dha na h-Uainich.

Huawei

Tha a' chompanaidh chonaltraidh Huawei a' fàgail air na Stàitean Aonaichte gu bheil iad a' cleachdadh cumhachd aon dùthcha mòire airson leirmheas a dhèanamh air companaidh phrìobhaidich. Tha casg air Huawei bho chuid de rudan sna Stàitean agus Washington ag ràdh gu bheil a' chompanaidh, le an ceanglaichean ri Riaghaltas Shìona, na cunnart do thèarainteachd - rud a tha Huawei a' dol às àicheadh.

NHS

Dh'fhaodadh na tha a' tachairt le seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar-Dheas Rois an-dràsta a bhith na eisimpleir do dh'àiteachan eile an Alba, agus do dhùthchannan eile, a rèir Sir Lewis Ritchie. Sgrìobh Sir Lewis aithisg agus dh'fhoillsich e molaidhean an-uiridh an dèidh dragh agus iomairt mhòir an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd dhan sgìre. Bha an t-Oll. Ritchie aig coinneimh phoblaich ann am Port Rìgh an-raoir far an do mhol e an t-adhartas a th' air a bhith ann.

Cidhe Chreig an Iubhair

Bu chòir buidheann aig a bheil barrachd eòlais a bhith a' ruith cidhe Chreig an Iubhair ann am Muile, a rèir Comataidh Aiseagan Mhuile 's Ì. Fhuair iadsan fiosrachadh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun robh teachd a-steach £7m aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid on chidhe thairis air sia bliadhna, ach nach do chosg an t-ùghdarras air a' ghoireas ach £200,000. Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, gun cùm iad an cidhe ann an deagh òrdugh, agus fosgailte, gus an tèid cidhe ùr a chur ann.