In-imreachd nas fhasa a dhìth 'son tidsearan Gàidhlig

Pàiste

Bu chòir a dhèanamh nas fhasa do thidsearan Gàidhlig bho thaobh a-muigh an EU tighinn a dh'obair dhan Rìoghachd Aonaichte, a rèir chomhairliche oifigeil an Riaghaltais air in-imreachd, a th' air liosta shònraichte a chruthachadh de luchd-obrach air a bheil Alba feumach.

Tha Comataidh Chomhairleachaidh na h-In-imricheachd air sgrùdadh a dhèanamh air a' ghainnead sgilean a tha a' toirt air fastaichean Breatannach a bhith a' coimhead taobh a-muigh an EU airson luchd-obrach.

Diciadain, dh'fhoillsich iad liosta fharsaing de dhreuchdan far am bu chòir a dhèanamh nas fhasa agus nas saoire do dhaoine ceadan-obrach fhaighinn.

Tha an liosta a' dol bho dhotairean, nursaichean agus innleadairean gu còcairean, arc-eòlaichean agus dannsairean ballet.

'S i Alba an aon phàirt den Rìoghachd Aonaichte far a bheil a' chomataidh ag ainmeachadh dreuchdan fa leth.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, cha robh a' nochdadh air an liosta seo ach a dhà neo trì dreuchdan meadaigeach sònraichte.

Ach tha iad a-nis air a leudachadh 's iad ag ràdh gu bheil Alba feumach air luchd-teagaisg le Gàidhlig - a leigeadh le sgoiltean tidsearan a thoirt a-steach à Albainn Nuaidh ann an Canada - agus eòlaichean saidheans niuclasach, a chuidicheadh le a bhith a' dì-choimiseanadh ionadan Dhùnrath agus Chapelcross.

Tha a' chomataidh cuideachd a' moladh sgeama pìleat airson barrachd luchd-obrach bho thall-thairis a thàladh gu sgìrean iomallach na dùthcha.