Nancy Glen: "corrach san uisge"

Przemek Krawczyk agus Donnchadh MacDhùghaill

Tha an aithisg oifigeil air tubaist mhairbhteach bàta-iasgaich an Nancy Glen ag ràdh nach eil sgiobairean tric mothachail gu bheil mar a thathar ag atharrachadh uidheamachd bhàtaichean a' fàgail nan eathraichean aca corrach san uisge.

Thuirt aithisg an MAIB gun robh an Nancy Glen air a dhol fòdha às dèidh dhan lìon aice lìonadh le poll air a' ghrunnd ann an Loch Fìn, agus i a' tionndadh.

Chaochail dithis dhen triùir chriubha - Donnchadh MacDhùghaill agus Przemek Krawczyk - anns an tubaist san Fhaoilleach an-uiridh.

Mhol an luchd-rannsachaidh gum biodh sgrùdaidhean cunbhalach air eathraichean beaga feuch dè cho corrach sa tha iad.