Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Esther McVey

Thuirt tè de na tha a' seasamh airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich gum feum an Rìoghachd Aonaichte falbh às an Aonadh Eòpach aig deireadh an Dàmhair ged nach biodh aonta ann. Thuirt Esther McVey gu bheil cothrom ann fhathast air aonta às ùr leis an EU, ach mura tachair sin, gum feum Breatainn falbh gun aonta. Tha ise, agus deichnear eile aig an ìre seo, air innse gu bheil iad san fharpais airson àite Theresa May a ghabhail mar cheannard air na Tòraidhean agus mar Phrìomhaire.

Casg Alasdair Chaimbeul

Thuirt an t-Àrd Neach-lagha Dùbhlanach, Shami Chakrabarti, gu feum am Pàrtaidh Làbarach ath-sgrùdadh a dhèanamh air casg Alasdair Chaimbeul. Chaidh Mgr Caimbeul, a bha os cionn conaltraidh do Thonaidh Blair, a chur a-mach às a' Phàrtaidh Làbarach aig toiseach na seachdain seo nuair a dh'innis e gun tug e a bhòt dha na Libearalaich Dheamocratach anns na taghaidhean Eòrpach leis cho mì-thoilichte sa bha e le poileasaidh nan Làbarach air Brexit.

Danube

Thuirt na h-ùghdarrasan anns an Ungair nach eil mòran dòchais ann gun tig duine eile beò às an tubaist ann am Budapest an-raoir. Tha aon duine thar fhichead fhathast a dhìth an dèidh do bhàta, air an robh luchd-turais à Coirea a Deas, a dhol fodha ann an Abhainn Dhanube. Tha dearbhadh ann gun do chaill seachdnar am beatha.

Nancy Glen

Thàinig Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara chun cho-dhùnadh gur e atharrachadh is leasachadh thar nam bliadhnaichean a dh'fhàg am bàt'-iasgaich, an Nancy Glen, corrach. Chaill dithis am beatha nuair a chur an tràlair car ann an Loch Fìn sa Ghearran an-uiridh nuair a lìon na lìn aice le poll. Thuirt an MAIB gum bu chòir rannsachadh cunbhalach a bhith ann an dèidh seo airson dèanamh cinnteach gu bheil bàtaichean iasgaich beaga gu h-àraid cho comasach 's a bu chòir dhaibh.

Oithighean

Tha dragh ann gun toireadh atharrachadh ann an cìsean oideachaidh ann an Sasainn droch bhuaidh air oilthighean ann an Alba. Tha ath-sgrùdadh ann an Sasainn a' moladh cìsean airson foghlam aig àrd-ìre a ghearradh gu seachd mìle gu leth not, seach naoi mìle, mar a th' ann an-dràsta. Thuirt Prionnsabal Oilthigh Ghlaschu, an t-Ollamh Anton Muscatelli, gu faodadh sin còrr is deich thar fichead millean not a ghearradh far na suim a tha oilthighean na h-Alba a' faighinn bho oileanaich Shasannach.

CNES

Bidh bùthan-obrach ann an Steòrnabhagh a-nochd agus ann am Beinn na Fadhla a-màireach a' feuchainn ri boireannaich anns na h-Eileanan Siar a thàladh gu poileataigs. Chan eil fiùs aon bhoireannach air Comhairle nan Eilean Siar agus 's e fir a tha a' riochdachadh nan Eilean ann an Holyrood agus aig Westminster.

Meirle

Bha meirle aig dachaigh an lùth-chleasaiche Albannach, Eilish McColgan, ann am Manchester. Dh'fhalbh na meirlich le duaisean a choisinn i agus seudan bho dhachaigh an lùth-chleasaiche a bhuineas do Dhùn Dè bho thùs.