Boireannaich nan Eilean Siar gam brosnachadh feuchainn airson dreuchdan poileataigeach

Comhairlichean Image copyright Comhairle nan Eilean Sair
Image caption Cha deach aon bhoireannach a thaghadh airson Comhairle nan Eilean Siar ann an 2017

Thèid boireannaich anns na h-Eileanan Siar a mhisneachadh gus feuchainn ri dreuchdan ann am poileataigs fhaighinn.

An-dràsta, chan eil ach fir air Comhairle nan Eilean Siar agus 's e fir a tha a' riochdachadh na sgìre aig Holyrood agus aig Westminster.

Tha buidheann air a bheil Parliament Project a' ruith bhùithtean-obrach ann an Steòrnabhagh Diardaoin agus ann am Beinn na Fadhla Dihaoine.

Tha iad an dòchas boireannaich a bhrosnachadh seasamh airson dreuchdan poblach.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri na tachartasan.

Cha do chur ach seachdnar bhoireannach iad fhèin air adhart anns na taghaidhean ionadail ann an 2017.

Bha 60 tagraiche ann uile gu lèir.

Cha do shoirbhich le gin aca, agus airson a' chiad uair a-riamh, fireannaich a-mhàin a bha nan comhairlichean anns na h-Eileanan Siar.

B' ann eadar 2007 agus 2012 a bha an àireamh a b' àirde a-riamh de bhoireannaich nan comhairlichean anns na h-Eileanan Siar - bha còignear ann.