Muc-mhara mharbh a' tighinn air tìr

Muc-mhara Image copyright Karen Munro
Image caption Thàinig closach na muice-mara air tìr faisg air Sgràbasdal

Chaidh muc-mhara chrotach a chaidh an sàs ann an uidheamachd iasgaich fhaighinn marbh air cladach ann an Gallaibh.

Chaidh a' mhuc-mhara fhaicinn Diciadain mus tàinig a closach air tìr faisg air Sgràbasdal anns a' mhadainn Diardaoin.

Thèid bàs na muice-mara a sgrùdadh.

Thàinig muc-mhara air tìr ann am Barraigh na bu tràithe air a' mhìos seo, agus thàinig tè air tìr ann am Fìobha anns a' Ghiblean.

Chaidh na dhà a ghlacadh ann an ròpa.