Duais do dh'fhear-unndais airson a chuid ghaisgeachd air Beinn Nibheis

Heileacoptair nam maor-cladaich

Chaidh fear-unndais heileacoptair nam maor-cladaich aithneachadh airson na rinn e a' dèanamh cobhair air dithis shreapadairean a thuit air Beinn Nibheis.

Chaidh Scott Sharman agus criubha nam maor-cladaich ann an Inbhir Nis a ghairm a-mach chun na beinne air 16mh den Dùbhlachd 2018.

Air sgàth cruth na tìre far an robh an dithis fhear-sreap air tuiteam far Druim an Tùir, b'fheudar do Mhgr Sharman sreap gu far an robh iad gun a bhith ceangailte ris an unndais.

Chaidh Duais Chuimhneachain SAR Billy Deacon a bhuileachadh air.

Tha an duais mar urram do dh'fhear-unndais Heileacoptairean Bristow a bhàsaich an dèidh dha deichnear a shàbhaladh bho shoitheach caragò far Shealtainn ann an 1997.

Tha moladh cuid treuanachais Mgr Sharman an cois na duaise ag ràdh gun do chuir e a bheatha fhèin ann an cunnart mòr le na rinn e.

Cunnart mòr dha fhèin

B' e fear den dithis a thug e far na beinne Pàdraig Boothroyd a bhuineadh do Shiorrachd York an Iar agus a bha na oileanach aig Oilthigh Chardiff. Chaochail e an dèidh sin. Bha e 21 bliadhna de dh'aois.

Bha a chompanach air a ghoirteachadh ach thàinig esan beò às.

Bha aig Mgr Sharman ri crampons agus làmhag deighe a chleachdadh airson faighinn gu Mgr Boothroyd.

Bha e fhathast le mothachadh ach bha e a' dol am miosad gu luath.

Thug Mgr Sharman, a tha cuideachd na pharamedic, cùram èiginn do Mgr Boothroyd an dèidh mar a chaidh an tarraing air bòrd an heileacoptair agus mus deach an thoirt gu carbad-eiridinn.

Le solas an là a' falbh, thill iad dhan bheinn airson an dàrna duine.

Image copyright Getty Images
Image caption Bha fìor dhùbhlan ron luchd-teasairginn air Beinn Nibheis.

A-rithist, chaidh Mgr Sharman thuige gun a bhith ceangailte ri càball na h-unndais air sgàth agus gum biodh a' ghaoth bho sgiathan an heileacoptair air an suidheachadh a dhèanamh na bu chunnartaiche buileach.

Tha iomradh na duaise ag ràdh: "Tha co-dhùnadh Scott sàbhailteachd an heileacoptair fhàgail agus a bhith air fhàgail leis fhèin air cliathaich a tuath de Bheinn Nibheis a' dol nas fhàide na bhiodte an dùil.

"Dh'fhàg e fhèin ann an cunnart mòr nuair a chuir e roimhe sa bhad an càball a chur dheth airson agus nach biodh an dithis a bh' ann an èiginn agus an heileacoptair ann an uidhear a chunnart.

"Sheall Scott gaisgeachd agus sgilean air leth ann a bhith a' toirt an dithis gu sàbhailteachd, a' toirt dhaibh an cothrom as fheàrr thighinn às beò."