Tuath-gaoithe mhara Beatrice a' ruighinn clach-mhìle

Tuath-gaoithe Beatrice aig muir Image copyright BOWL
Image caption Tuath-gaoithe mhara Beatrice

Tha luchd-leasachaidh an tuath-ghaoithe Beatrice ag ràdh gun do chruthaich e 587.9MW de dhealan, an teachd a-mach as motha bho sgeama ath-nuadhachail an Alba riamh.

Tha e comasach dha na crainn san Linne Mhoireibh 588MW a dhèanamh, gu leòr airson dealan a chumail ri 450,000 dachaighean.

Ràinig an leasachadh sa bheil 84 crainn far chosta Ghallaibh a' chlach-mhìle seo an t-seachdain seo.

'S e an ceathramh sgeama aig muir as motha san t-saoghal, agus thug e trì bliadhna na crainn a chur an-àirde.

Chaidh am fear mu dheireadh a chur suas aig toiseach na mìos-sa agus thòisich na crainn a' cruthachadh dealain.

'S e co-bhanntachd eadar SSE Renewables, Copenhagen Infrastructure Partners agus Red Rock Power Limited a th' air cùl an leasachaidh.

Image copyright Bowl
Image caption Chaidh am fear mu dheireadh de na 84 crainn air an làraich a chur ann nas tràithe air a' mhìos seo