"Fianais shoilleir" mun chron a nì iolairean mara air uain

Iolaire-mhara

Tha fianais shoilleir air an fhìor dhroch bhuaidh a th' aig iolairean mara air an cuid stuic, a rèir thuathanaich ann an Earra-Ghàidheal agus Loch Abar.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil an àireamh uan a chailleadh air aon tuathanas air a dhol an-àirde 600% o nochd iolairean mara san sgìre an toiseach.

Rinneadh sgrùdadh san sgìre agus fhuair e gu robh na h-iolairean ag adhbhrachadh call.

Thuirt Ray MacCoinnich bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH) gu bheil call stuic na thrioblaid mhòr ann an cuid a dh'àiteachan.

"Tha finais againn a tha a' sealltainn nach robhar a' call cus bheathaichean gu nàdarrach mus tàinig na h-iolairean-mara, agus bho nochd iad tha cuid de thuathanasan ag aithris call mòr.

"Tha aon tuathanas ag ràdh gum b'àbhaist dhaibh a bhith a' call mu chòig uain a h-uile bliadhna agus a-nis bidh a' call suas ri 30 uain sa bhliadhna sa chumantas.

Buaidh air stoc fallainn

Tha tuath monaidh aig Dàibhidh Coulthard san Apainn agus tha e na chathraiche air buidheann air a bheil grunn dhaoine le ùidh sna h-eòin eadar tuathanaich, croitearan, buidhnean glèidhteachais agus Riaghaltas na h-Alba.

"Chunnaic mise le mo shùilean fhèin iolairean-mara a' falbh le uain.

"Tha e duilich dhuinn an stoc a chumail fallainn oir tha sinn a' crochadh air caoraich mhath a bhith againn.

"Tha sinn a' cumail nan uan boireann nas lugha a tha còir againn a bhith a' reic.

Fhuair sgrùdadh eile gun do dhùblaich àn àireamh de dh'uain a chailleadh on thàinig na h-iolairean-mara air ais.

Tha an RSPB, a bha am measg nam buidhnean a bha an sàs san obair airson na h-eòin a thoirt air ais a dh'Alba, ag ràdh gu bheil e duilich a bhith cinnteach às dè dha-rìribh a' bhuaidh a th' aca air stoc.

Bidh Dualchas Nàdair na h-Alba a' foillseachadh plana gnìomh Dihaoine air an obair a thathar a' dèanamh airson dèiligeadh ris na draghan a th' ann.