Gearan mu thrafaig sa Ghearasdan

An A82 Image copyright Google Maps

Tha buidheann iomairt ag ràdh nach eil adhartas a' tighinn luath gu leòr air na trioblaidean a tha sa Ghearasdan le trafaic.

Tha am baile fìor thrang a-rithist an t-seachdain seo le Cupa Cruinne na Rothaireachd Beinne ann.

Tha gearanan air a bhith ann bho chionn fhada mu thrioblaidean le trafaic sa Ghearasdan, is gu h-àraidh tro mhìosan an t-samhraidh is am baile trang le luchd-turais.

Rothaireachd

Tha an gnothach fon phrosbaig a-rithist is Cupa na Cruinne ann an Rothaireachd Beinne a' dol air adhart, is cuid a' gearan Diardaoin gun robh na rathaidean air an tachdadh.

Ged a rinn Còmhdail Alba rannsachadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh, cha tàinig plana air adhart aig an ìre seo.

Compàirteachas an A82

Thuirt Stiùbhart MacIlleathainn bhon bhuidhinn-iomairt Compàirteachas an A82 gu bheil feum air adhartas a dhèanmah cho luath 's a ghabhas.

Tha a' bhuidheann air cuireadh a thoirt do Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, a dhol dhan Ghearasdan gus am faic e dè dìreach an suidheachadh a th' ann.

"Tha dà roghainn air a bhith air a' bhòrd airson greis; a' chiad fhear, an A82 a leudachadh bho chearcall-rathaid Morrisons air cùl Inbhir Lòchaidh agus a' ceangal ris an A82 tuath air a' Ghearasdan, agus rathad ga cheangal ris a' Chaol airson trafaig a thoirt far an A82.

"Tha pròiseas a dh'fheumas Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail Alba leantainn airson dearbhadh gun fhiach na h-uimhir de dh'airgead a chosg air pròiseict mòr mar seo agus 's e an t-iarrtas againn gun tig iad gu co-dhùnadh cho luath sa ghabhas, agus gum faigh iad an t-airgead a bhios a dhìth airson na h-obrach," thuirt e.