Fiosrachadh mu chosgaisean lìbrigidh ga iarraidh

Parsailean Image copyright Getty Images

Dh' iarr Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar fiosrachadh bho mhuinntir an àite air na cosgaisean a tha gan cur orra airson bathair fhaighinn thuca à tìr-mòr.

Tha Alasdair Allan airson am fiosrachadh a gheibh e bho dhaoine a chur an lùib iomairt a tha ga dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba a thaobh chosgaisean lìbhrigidh.

Thathas am beachd mapa fhoillseachadh de na diofar chosgaisean a tha gan cur air daoine ann an diofar sgìrean airson stuth a dh'òrdaicheas iad fhaighinn thuca.

Thuirt Maighstir Allan gur e ceist chudromach a th' ann: "Tha fianais ann a-nis gu bheil muinntir nan Eilean Siar a' pàigheadh faisg air £3m a bharrachd air na cosgaisean a bu chòir airson parsailean, agus tha buaidh aig an sin air muinntir nan eilean agus an eaconomaidh cuideachd.

"Tha e ceart tha mi a' smaoineachadh gu bheil coimhearsnachdan agus am Ball Pàrlamaid Albannach agus a h-uile duine eile a' gabhail pàirt anns an rannsachadh seo agus a' dearbhadh càite a bheil na trioblaidean as miosa."

Bha e ag ràdh gur e pàirt dhen iomairt a th' ann airson siostam nas fheàrr fhaighinn.