An dàrna cuairt de Chupa na Camanachd

Cluichidh Bail' Ùr an t-Slèibh Lòbhat anns an dàrna cuairt de Chupa na Camanachd Disathairne.

B' iad a chluich anns a' chuairt dheireannaich anns an Òban air an t-seusan a dh'fhalbh - gèam a bhuannaich am Bail' Ùr 3-0.

Bidh ochd geamannan ann uile gu lèir Disathairne.

Am measg nan geamannan eile, cluichidh an t-Eilean Sgitheanach Ceiltich an Òbain.

Bidh gèam mòr aig deas cuideachd le Caol Bhòid a' cluiche Inbhir Aora.

An dàrna cuairt de Chupa na Camanachd 01.06.19

An Gearasdan - Cabar Fèidh

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Ceann Loch Seile

Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn

Caol Bhòid - Inbhir Aora

Loch Abar - Cill Mhàilidh

Bail' Ùr an t-Slèibh - Lòbhat

Camanachd an Òbain - Gleann Urchadain

An t-Eilean Sgitheanach - Ceiltich an Obain