"Tuilleadh rùim a dhìth" air slighean aiseig

Aiseag an Tairbeirt

Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar gu bheil rùm a bharrachd a dhìth air slighean aiseig as t-samhradh agus gun cum e air a' dèanamh na h-argamaid sin ri CalMac agus ministearan.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn às dèidh dha coinneachadh ris a' mhinistear a tha an urra ri aiseagan, Pòl Wheelhouse, agus riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Coinneamh fheumail

Thuirt Maighstir Allan gur e coinneamh fheumail a bh' ann agus e ag ràdh gu bheil seirbheisean a' tighinn bho streuna mu thràth a bhiodh daoine a' sùileachadh ann an teas-mheadhan seusan na turasachd.

Tha seirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul làn air an deireadh-seachdain seo.

Tuilleadh luchd-siubhail

Bha e ag ràdh gu bheil 184,000 neach-siubhail a bharrachd sa bhliadhna air aiseagan nan Eilean Siar an coimeas ri bho chionn deich bliadhna 's gu bheil sin math dhan eaconomaidh, ach gu bheil duilgheadasan a' tighinn an cois an àrdachaidh.

Thuirt e: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil thìde ann coimhead am bu chòir àite a chur air leth air aiseagan do dh'eileanaich a dh'fheumas siubhal aig a' mhionaid mu dheireadh."

Dh'iarr e cuideachd seòladh a bharrachd anns an latha air Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.