Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Cèitean 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thug buidheann an luchd-gnothaich, an CBI, rabhadh dha na tagraichean airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich mun droch bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Brexit gun aonta air gnìomhachas ann am Breatainn. Tha àrd-stiùiriche an CBI, Caroline Fairbairn, a' cumail a-mach nach seas feadhainn de na companaidhean as lugha ri falbh às an EU gun aonta. Tha feadhainn a th' air taobh Bhrexit a' cumail a-mach ge-tà, gur e falbh gun aonta an t-slighe as fheàrr.

Na Làbaraich

Thuirt Alasdair Caimbeul, seann cheannard chonaltraidh Thony Blair, nach eil adhbhar math sam bith ann airson a chasg às a' Phàrtaidh Làbarach. Tha esan a' tagradh an aghaidh a thilgeil a-mach às a' phàrtaidh an dèidh dha bhòtadh dha na Libearalaich Dheamocratach anns na Taghaidhean Eòrpach.

Na Lib-Deamaich

Dh'innis Jo Swinson gun seas i airson àite Sir Vince Cable a ghabhail mar cheannard air na Lib-Deamaich. Bidh Ms Swinson, a tha a' riochdachadh Shiorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear ann an Westminster, a' farpais an aghaidh Sir Ed Davey, a bha na rùnaire airson cumhachd.

Biometric

Tha bile mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba a chumadh smachd air fiosrachadh pearsanta mar DNA, làraichean meòir agus ìomhaighean gnùis, agus thèid coimiseanair neo-eisimeileach fhastadh airson rian a chumail air mar a tha poilis a' dèiligeadh ri fiosrachadh biometric den t-seòrsa sin. Tha ministearan an Riaghaltais ag ràdh gun dèan sin cinnteach gum bi rannsachadh poilis ga dhèanamh ann an dòigh a tha laghail agus etigeach.

Meagsago

Thuirt Meagsago gur e sgrios a thigeadh à plana a' Chinn-Suidhe Trump airson cìsean taraif air a h-uile dad a tha Meagsago a' reic ris na Stàitean Aonaichte. Tha Mgr Trump, le stèidheachadh na cìse, ag ràdh gu bheil e a' feuchainn ri stad a chur air in-imrich mhì-laghail à Meagsago. Tha a' chìs ùr aig 5% a' tòiseachadh an ceann deich là, 's thuirt Mgr Trump gun seas a' chìs a tha sin gus an tèid an suidheachadh a th' ann a chur ceart.

Casg-astair

Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh casg-astair aig 20 m.s.u. air sràidean air a bheil taighean-còmhnaidh, agus air rathaidean beaga. Tha a' chomataidh a' moladh dha na buill aig Holyrood bhòtadh an aghaidh sin nuair a thig e mun coinneimh a dh'aithghearr. Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil am plana ro fharsainn airson gum freagradh e air a h-uile sgìre, agus tha iad ag ràdh nach fhàgadh e nas motha sùbailteachd air a' chùis aig na h-ùghdarrasan ionadail.

An Gearasdan

Tha buidheann iomairt ag iarraidh cabhaig anns na planaichean airson siostam trafaig a' Ghearasdain. Tha an A82 Partnership a' gearan mun ùine a tha am pròiseact a' toirt agus meadhan a' Ghearasdain gu math tric tachte le trafaig. Tha am baile fìor thrang an-dràsta fhèin eadar luchd-turais agus Farpais Baidhseagail Beinne na Cruinne.