Rannsachadh Ùr Ainmean-àite

Eisimpleir de dh'ainmean-àite Image copyright Ainmean-Àite na h-Alba

Tha ainmean-àite sa Ghàidhlig a' toirt dhuinn barrachd na ainm, nach eil?

Ceangal eachdraidheil leis an dùthaich, mar Sanquhar (An t-Seanchair), no Old Fort.

Gu pragtaigeach innsidh iad dhuinn dè seòrsa àite anns a bheil sinn. Allt nam Breac - deagh àite airson iasgach, chanadh tu.

Agus cumaibh sùil a-mach airson nan ròn ann an Àird nam Murchan!

Thar nam bliadhnaichean tha daoine air a bhith a' cruinneachadh ainmean-àite is fhios gu bheil gu leòr a' dol à bith mar a tha a' Ghàidhlig a' crìonadh ann an coimhearsnachdan.

Eòlas

'S ann air an dearbh chuspair a rinn mi fhìn tràchdas san oilthigh bho chionn 20 bliadhna agus sa choimhearsnachd bhig agam fhìn ann an Uibhist chruinnich mi còrr is 100 ainm nach deach a chlàradh a-riamh.

'S beag an t-iognadh gu bheil ùidh aig daoine sa chuspair is e a' mìneachadh uiread dhuinn mu ar cànan 's ar dùthaich.

Rinn Sgoil Eòlais na h-Alba mòran airson ainmean a shàbhaladh len cuid rannsachadh bho chaidh an stèidheachadh ann an 1951 aig Oilthigh Dhùn Èideann, ged nach b'e sin am prìomh amas.

Tha a-nis buidheann shònraichte ann airson ainmean-àite a chruinneachadh - Ainmean-Àite na h-Alba, stèidhichte aig Sàbhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Leabhraichean

Tha a' bhuidheann seo air mòran a dhèanamh mar-thà a thaobh ainmean-àite a ghlèidheadh agus iad air sreath de leabhraichean beaga fhoillseachadh mu ainmean-àite ann an àiteachan mar Ìle is Diura, Loch Abar, san Eilean Sgitheanach agus an Colbhasa agus Orasa, am measg eile.

Tha a' bhuidheann an-dràsta gus tòiseachadh air leudachadh air na th' aca agus iad a' sireadh luchd-obrach airson ùine ghoirid a nì sgrùdadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig tron t-samhradh.

Tha iad a' dol a dh'fhastadh ceathrar luchd-rannsachaidh thairis air 10 seachdainean, le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Mhìnich manaidsear Ainmean Àite na h-Alba, Eilidh Scammel, na tha fa-near dhaibh.

Beò

"'Se prìomh amas na pròiseict a bhith a' cruinneachadh barrachd ainmean-àite airson an stòir-data againn. Tha tòrr ainmean-àite a' dol a-mach à bith gach là."

"Tha na daoine leis an fhiosrachadh a' bàsachadh, mar sin tha e na amas a bhith a' glèidheadh ainmean mus tèid iad a-mach à bith.

"Bidh sinn a' coimhead ri coimhearsnachdan far am bi Gàidhlig ga bruidhinn, far a bheil i bèo fhathast.

"Thèid am fiosrachadh a chur air an làrach-lìn againn airson duine sam bith fhaicinn", thuirt i.

Ma tha duine sam bith airson a dhol an sàs anns a' phròiseict, gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.