Dithis sa chùirt co-cheangailte ri iomairt Linne Chrombaigh

Clàr Image copyright Robert Ormerod

Nochd dithis aig Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhubhthaich fo chasaid co-cheangailte ri bhith a' dol air bòrd clàr-ola ann an Linne Chrombaigh.

Thuirt Christopher Till agus Paula Radley nach robh iad ciontach agus chaidh an leigeil ma sgaoil air urras.

Tha cùmhnantan sònraichte an cois seo nach fhaod iad a dhol faisg air uisgeachan Linne Chrombaigh air dhòigh sam bith.

Chaidh òrdugh a thoirt dhaibh cuideachd Alba fhàgail taobh a-staigh dusan uair a thìde is gun tilleadh ach airson choinneamhan leis an luchd-lagha aca agus airson ghnothaichean cùirteach.

Bha clàr-ola Paul B Loyd Junior ga toirt a-mach gu muir oidhche Dhòmhnaich nuair a chaidh dithis luchd-iomairt bho Ghreenpeace air bòrd.

Tha Greenpeace air luchd-iomairt a thoirt far a' chlàir is feadhainn eile a chur nan àite co-dhiù aon uair bho thòisich an gnothach.

"Èiginn"

Tha Greenpeace ag ràdh gu bheil "suidheachadh èiginn ann a thaobh na h-àrainneachd".

Tha iad airson is gun toir BP obair-sgrùdaidh 'son tobraichean ola gu ceann.

Thuirt BP gu bheil còir aig daoine a bhith a' togail fianais gu sìtheil, ach gu bheil dol a-mach Ghreenpeace a' cur an cuid fhèin is daoine eile ann an cunnart.

Dhearbh Greenpeace gun deach òrdugh cùirteach a thoirt dhaibh Dimàirt, an iomairt a thoirt gu ceann.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil dithis luchd-iomairt fhathast air a' chlàr.

Thuirt iad gu bheil biadh gu leòr aca airson fuireach air "fad làithean".