An Loopallu mu dheireadh

Loopallu

Dh'innis an fheadhainn a tha a' cur air dòigh Loopallu gu bheil an fhèis chiùil a' tighinn gu ceann.

Chan e seo a' chiad turas a tha rabhadh mar seo air tighinn bho Loopallu.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil an fhèis a-nise air fàs chun na h-ìre is gu bheil e ro dhoirbh àite fhaighinn dhan a h-uile duine a tha a' tighinn ann.

Ach tha Loopallu a' gealltainn aona fèis mhòr eile san t-Sultain is iad a' toirt air ais feadhainn de na còmhlain a tha air nochdadh ann an Ulapul thairis air na bliadhnaichean.

Dòchas?

Nam measg bidh Hunter & the Bear, Tide Lines, Idlewild is Gun.

Bidh Peat and Diesel is Bombskare am measg feadhainn eile a bhios a' nochdadh, mus cuir Balaich Bhatarsaidh crìoch air cùisean.

'S dòcha.

Ged a tha Loopallu ag ràdh gur e seo, le cinnt, an fhèis mu dheireadh, thuirt iad cuideachd gur dòcha gun till iad "aon là, aig àm eile den bhliadhna, ann an cruth eadar-dhealaichte".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile