Cha ghabh an Riaghaltas gnothach ri dùnadh bhancaichean

Bancaichean a th' air dùnadh Image copyright Google
Image caption Tha dragh mòr ann mun bhuaidh a th' aig dùnadh bhancaichean air sgìrean dùthchail

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach tèid iad an sàs ann an suidheachaidhean far a bheil bancaichean a' gluasad a-mach à bailtean dùthchail.

Bha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Iain Glen, a' bruidhinn ann an deasbad ann an Westminster mu sheirbheisean bancaireachd.

'S e am ball Tòraidheach airson sgìre Mhoireibh, Dùghlas Ros, a dh'iarr an deasbad, às dèidh mar a dhùin am banca mu dheireadh ann an Inbhir Losaidh.

Dh'fhàg sin nach fhaigheadh cuid greim air airgead aig an deireadh-sheachdainn.

Thuirt Iain Glen gu bheil an Riaghaltas ag obair le na bancaichean airson seirbhheis a thoirt seachad tro bhuidhnean eile leithid Oifis a' Phuist, neo tro bhith a' cleachdadh teicneòlais.

Aig a' cheann-thall ge-tà, thuirt e gur e co-dhùnadh coimearsalta a th' ann dha na bancaichean, agus nach gabh an Riaghaltas gnothach ris an sin.