Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannas nan Tòraidhean

Thòisich a’ chiad chuairt den bhòtadh 'son ceannard ùr dhan Phàrtaidh Thòraidheach, agus an ath Phrìomhaire. Cha tèid duine den deichnear thagraichean a gheibh nas lugha na seachd bhòtaichean deug anns a’ chiad chuairt dad nas fhaide air adhart san fharpais. Tha dùil ri torradh na bhòt seo tràth feasgar.

Turas Thrump

Tha Rùnaire na Dùthcha, Sajid Javid, a' càineadh Sràid Dhowning 'son nach d'fhuair e cuireadh gu dinnear stàite a’ Chinn-suidhe Trump aig Lùchairt Bhuckingham an t-seachdain seo chaidh. B' e Mgr Javid, a tha air a bhith a' càineadh cuid de bheachdan Mhgr Trump, an aon àrd mhinistear caibineit nach robh aig an dinneir Thuirt e nach do dh'innis Sràid Dhowning dha fhathast carson nach d'fhuair e cuireadh.

Càball-dealain

Thuirt Rùnaire a’ Ghnothachais, Greg Clark, gun coimhead e a-rithist air càball dealain nas motha, sia ceud megawatt, a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr. Thog Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a’ chùis ann an Taigh nan Cumantan agus esan ag ràdh gu bheil targaid ùr an Riaghaltais, 'son cur às do ghasaichean millteach ro 2050, a' neartachadh na h-argamaid 'son càball nas motha dhan na h-eileanan. Thuirt Ofgem nas tràithe am-bliadhna gum biodh càball ceithir cheud gu leth megawatt mòr gu leòr ged a tha mòran a' cumail mach nach giùlaineadh sin na bhios tuathan-gaoithe nan eilean a’ cruthachadh.

Emma Faulds

Chaidh fios air teaghlach Emma Faulds gun d'fhuair poilis corp ann an coille ann an Dùn Phris 's Gall Ghàidhealaibh. Cha robh sgeul air Ms Faulds, a bha 39, agus a bhoineadh do Chill Mheàrnaig, bhon Ghiblean. Chaidh fear à Siorrachd Àir, Ross Willox, a tha 40, a chur fo chasaid muirt air a’ mhìos seo chaidh.

Oman

Dh’èirich prìs na h-ola gu grad an dèidh tachartais ann an Gulf Oman far an do dh'fhulaing dà thancair milleadh. Tha amharas ann gun deach ionnsaigh a thoirt air na soithichean a bha a’ dèanamh air Taiwan agus Singapore agus tha aithrisean ann gun do bhuail torpedo ann an aonan dhiubh. Theannaich an Ceann-suidhe Trump casg-bhannan air ola Ioran air a’ mhìos seo chaidh agus tha dragh air a bhith air Washington bhon uair sin gum faodadh Ioran dìoghaltas a dhèanamh. Tha na meadhanan naidheachd ann an Ioran ag ràdh gu robh dà fhichead 's ceithir criutha eadar an dà thancair agus gu bheil iad sin uile sàbhailte.

Bhanaichean-campachaidh

Tha uimhir de bhanaichean-campachaidh a' dol a dh'Uibhist 's gu bheil ceist ann am bu chòir feuchainn ri smachd a chur air na h-àireamhan, mar a tha a' tachairt ann an Tiriodh. Ged a tha làraich campachaidh ann tha iad sin cho làn 's gum feum iad gu math tric daoine a dhiùltadh. Tha cuid a' gearan gu bheil campairean a' stad agus a' cur seachad na h-oidhche far an togair iad agus tha feadhainn a' gearan gu bheil iad a' gabhail cus àite air na seirbhisean aiseig.