£20,000 dha Fèisean nan Gàidheal

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid maoineachadh luach £20,000 a thoirt do dh'Fhèisean nan Gàidheal airson na bliadhna 2019/20.

Thig £15,500 dheth bho Stòras Leasachaidh Choimhearsnachd, agus £4500 eile bho bhuidseat Gàidhlig na Comhairle.

Thuirt an Comh. Robin Currie a tha os cionn phoileasaidhean Gàidhlig na Comhairle, nach e a-mhàin gu bheil tachartasan Fèisean nan Gàidheal a' cumail dualchas na sgìre beò, ach cuideachd gu bheil iad a' cur ri misneachd agus fèin-aithne na h-òigridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile