Cho aosta ris na crannagan

Loch Langhabhat Image copyright Antiquity Publications
Image caption An luchd-rannsachaidh aig crannag ann an Loch Langabhat.

Tha cuid de chrannagan ann an Alba pìos math nas sine na bha dùil, a rèir rannsachaidh ùir.

Thàinig buidheann de dh'àrc-eòlaichean dhan cho-dhùnadh seo às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air crannagan ann an Leòdhas.

'S e fear Chris Moireach, a tha na dhaibhear, a thòisich gnothaichean ann an 2012 nuair a lorg e sreath de phoitean air grunnd locha san eilean.

Dh'fhàg sin gun do rinn Chris is fear Mark Elliot, a bha stèidhichte aig Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh aig an àm, an tuilleadh rannsachaidh timcheall air crannagan eile ann an lochan Leòdhais.

Thàinig poitean eile is rudan coltach riutha am bàrr, is iad air an glèidheadh gu ìre fìor mhath.

Image copyright Antiquity Publications
Image caption Tè de na poitean a chaidh a lorg.

Bha Loch Bhorghastail, Loch Langhabhat, Loch an Dunain, is Loch Àirnis am measg nan àiteachan a rannsaich an dithis.

Sheall sgrùdadh rèidio-charboin gur ann bho Nua-Linn na Cloiche a bha na poitean a fhuair iad.

Tha na h-àrc-eòlaichean, Donnchadh Garrow is Friseal Sturt, ag ràdh gu bheil seo a' ciallachadh gun deach na crannagan seo a thogail eadar 3640 is 3360 ro Chrìosta, mu 1,000 bliadhna na bu thràithe na bha dùil.

Thuige seo, cha robh dearbhadh ann ach gun robh aon chrannag - Eilean Dòmhnuill ann an Uibhist a Tuath - bho Nua-Linn na Cloiche, is eòlaichean den bheachd gur ann an Linn an Iarainn a chaidh crannagan a stèidheachadh.

Image copyright Antiquity Publications
Image caption An luchd-rannsachaidh aig crannag ann an Loch Langabhat.

Tha na h-àrc-eòlaichean ag ràdh nach deach sgrùdadh rèidio-charboin a dhèanamh ach air glè bheag de na crannagan a th' ann air feadh na h-Alba is na h-Èireann.

Thuirt iad mar sin gur dòcha gun sealladh rannsachadh gur ann bho Nua-Linn na Cloiche a tha cuid de na crannagan eile.

Thuirt iad gu bheil cothroman rannsachaidh air leth an cois na h-obrach seo.

Tha an rannsachadh aig Donnchadh Garrow is Friseal Sturt a' nochdadh ann an ìris Antiquity.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile