Là mòr Chupa MhicTàmhais

Evan Menzies is Lachlan Mac a' Ghobhainn. Image copyright Neil Paterson
Image caption Evan Menzies aig Baile Ùr an t-Slèibh is Lachlan Mac a' Ghobhainn aig Gleann Urchadain.

Thèid a' chiad dhuais mhòr de sheusan na h-iomain a thoirt seachad Disathairne is Baile Ùr an t-Slèibh is Gleann Urchadain gus farpais airson Cupa MhicTàmhais.

Tha am Baile Ùr ag amas air a' chupa a thoirt air ais a Bhàideanach airson a' cheathramh bliadhna ann an sreath.

Ged a thòisich iad an seusan car slaodach - rud a tha air a dhol na fhasan dhaibh gu ìre - tha am Baile Ùr air blàthachadh suas gu snog is iad a' dol tro na gèaraichean.

Tha iad a-nise gun call san deich geama mu dheireadh aca, ann an suidheachadh an ìre mhath san lìog is sùil aca air Cupa MhicTàmhais a bhuannachadh a-rithist.

Dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil am Baile Ùr dìreach far a bheil iad ag iarraidh a bhith aig an àm seo den bhliadhna.

"Chaill sinn geama no dhà tràth is bha sin car truagh, ach thug sin dhuinn breab san tòn. Thug sinn an trèanadh againn suas ìre is bhon uairsin tha sinn a' dol an ìre math", thuirt fear de luchd-aghaidh a' Bhaile Ùir, Evan Menzies.

Ceistean

Tha ceist no dhà mun sgioba 'son Disathairne.

Tha Andaidh Mac an Tòisich air a bhith a dhìth anns na seachdainean mu dheireadh is chaidh Ruairidh Ceannadach dheth an aghaidh Chill Mhàilidh Disathairne. Tha mì-chinnt ann cuideachd mu Steafan Dòmhnallach is Jamie Robinson, am measg eile.

"Tha e doirbh ach tha sinn eòlach gu leòr air an t-suidheachadh seo is tha buidheann làidir againn", thuirt Menzies.

"Tha Gleann Urchadain math is tha sinn a' coimhead orra mar sgioba Prìomh Lìge, ged a tha iad san Lìog Nàiseanta.

"Tha fios againn ma chluicheas sinn mar as urrainn ge-tà gum buannaich sinn an cupa. Mura h-eil sinn aig ìre, thèid ar peanasachadh", thuirt e.

Buille

Tha Gleann Urchadain ann an suidheachadh rudeigin diofraichte.

Bha a h-uile coltas ann gun robh linn a' tighinn gu ceann an-uiridh nuair a chaidh an Gleann sìos bhon Phrìomh Lìog gun gheama a bhuannachadh.

Bha an aois a' laighe air an sgioba a chum an Gleann sa Phrìomh Lìog fad bhliadhnaichean is a ràinig grunn chuairtean deireannach - is gu dearbh a bhuannaich Cupa MhicAmhlaidh is Cupa MhicThàmhais dhaibh.

Thàing buille eile sa gheamhradh is Friseal Heath a' falbh thairis air na cnuic a Lòbhat.

Ach tha dòchas ann gu bheil aiseirigh a' tighinn air sgioba a' Ghlinne fo dhithis de ghaisgich a' chluba anns na bliadhnaichean mu dheireadh, Stiùbhart Mac an Tòisich is Eddie Tembo.

Tha iad ann an suidheachadh math aig an ìre seo gus tilleadh dhan Phrìomh Lìog is iad cuideachd dìreach air geama doirbh a thoirt do Chamanachd an Òbain ann an Cupa na Camanachd.

Misneachd

"Tha sinn a' cluich fìor mhath is an sgioba air fad air ghleus. Tha na bràithrean Brady air togail a thoirt dhuinn bho thill iad", thuirt sgiobair a' Ghlinne, Lachlan Mac a' Ghobhainn.

"Tha sinn misneachail. Tha fios againn gu bheil Baile Ùr an t-Slèibh làidir ach tha sinn a' cluich deagh iomain.

"Shaoil sinn gun robh sinn glè mhì-fhortanach an aghaidh an Òbain is ma chluicheas sinn mar sin a-rithist, tha mi a' smaointinn gum bi fìor dheagh theans againn.

"Tha e air a bhith comasach dhuinn cha mhòr an aon sgioba a chur air a' phàirc gach seachdain is tha sin air diofar a dhèanamh. Tha fios againn uile dè tha sinn a' dèanamh", thuirt e.

Tha adhbhar misneachd eile ann dhan Ghleann, 's dòcha, oir ged nach do chaill am Baile Ùr geama ann an Cupa MhicTàmhais bho 2015, 's ann an aghaidh sgioba a' Ghlinne a bha sin ann an cuairt dheireannach na bliadhna ud.

Mura h-eil cothrom agaibh a dhol a Phàirc a' Bhucht Disathairne, chìthear an geama mòr beò air BBC Alba bho 4f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile