Campervans
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cus bhanaichean-campachaidh an Uibhist?

13 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ged a tha mòran a bharrachd làraich campachaidh ann an Uibhist seach mar a bha, tha na h-uidhear do luchd-turais fhathast gan seachnadh.

Tha mar a tha daoine a pàirceadh bhanaichean-campachaidh far an togair iad air a bhith a' cur cais air cuid a mhuintir an àite airson bliadhnaichean, agus tha iad a nis airson stad a chuir air.

Tha beachdan air nochdadh cuideachd nach bu chòir bhanaichean-campachaidh a cheadachadh air aiseigean as aonais dearbhadh gu bheil àite-fuirich clàraichte a feitheamh orra.

Ach mar a tha Shona NicDhòmhaill ag aithris, cha bhiodh rudeigin mar sin furasta a' chuir an sàs.