Luchd-iomairt air ais air clàr-ola

Luchd-iomairt
Image caption Chaidh luchd-iomairt air a' chlàr an toiseach Didòmhnaich.

Dh'innis a' bhuidheann Greenpeace gu bheil iad air dithis luchd-iomairt eile a chur air clàr-ola ann an Linne Chrombaidh, beagan uairean a thìde às dèidh dha na poilis a dhol an sàs gus an iomairt a thoirt gu ceann.

Thòisich an gnothach oidhche Dhòmhnaich nuair a chaidh dithis bho Ghreenpeace air bòrd a' chlàir 'Paul B Loyd Junior', ga fàgail na tàmh fad na seachdain.

Bha a h-uile coltas ann gun robh an iomairt seachad oidhche Dhiardaoin nuair a chaidh na poilis an sàs le heileacoptair is bàtaichean gus an dithis luchd-iomairt a bh' ann a thoirt far a' chlàir.

Chaidh dithis fhireannach a chur an grèim is naoinear uile gu lèir a-nise air an cur an grèim bho thòisich an iomairt.

Ach, ann an uairean beagan na maidne, dh'innis Greenpeace gun robh iad air dithis luchd-iomairt eile a chur air bòrd.

Image caption Chaidh na poilis an sàs Diardaoin gus an luchd-iomairt a bh' ann a thoirt far a' chlàir.

"Tha na daoine againn air ais air a' chlàr is tha iad 'son fuireach oirre cho fada 's a ghabhas", thuirt fear de stiùirichean Ghreenpeace, Iain Sauven.

"Tha BP gus tobar ùr fhosgladh gus cothrom a bhith aca air 30 millean baraill de dh'ola - rud nach urrainn a dhol air adhart is sinn ann an èiginn a thaobh na h-àrainneachd.

"Cha leig sinne leis na companaidhean mòra ola a dhol air adhart mar nach eil dad ceàrr, oir bhiodh sin a' ciallachadh gun robh sinn a' treigsinn ar planaid agus ar cuid chloinne", thuirt e.

Thuirt BP gu bheil iad ag obair còmhla ri Poileas Alba is ùghdarrasan eile gus "an iomairt chunnartach aig Greenpeace a thoirt gu ceann ann an dòigh shàbhailte".

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil iad a' cur taic ri deasbad, còmhradh is togail fianais gu sìtheil, ach gu bheil dol-a-mach Ghreenpeace a' cur an cuid fhèin agus daoine eile ann an cunnart.