"Astar ri dhol" a thaobh Oighreachd a' Chrùin

Oighreachd a' Chrùin

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil "astar ri dhol" fhathast a thaobh chumhachdan agus teachd a-steach Oighreachd a' Chrùin a chur ann an làmhan mhuinntir nan eilean.

Bha fear-gairm an ùghdarrais, Tormod Dòmhnallach, a' bruidhinn is Comhairle nan Eilean Siar am measg bhuidhnean a tha a' dol air adhart le sgeamaichean pìleat a thaobh Oighreachd a' Chrùin.

Tha seo mar phàirt de chrathadh air Oighreachd a' Chrùin ann an Alba bho chaidh na cumhachdan a ghluasad bho Westminster gu Holyrood.

Chaidh cead a thoirt do dh'Achd Oighreachd a' Chrùin aig toiseach na bliadhna.

Tha ceithir sgeamaichean a-nise air an taghadh airson sgeamaichean pìleat.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar ag obair ann an co-bhanntachd ri Urras Oighreachd Ghabhsainn, is sgeamaichean cuideachd aig Comhairle Arcaibh, Comhairle Shealtainn, is Bòrd Iasgach a' Bhradain ann an Sgìre Fhoirthe.

Ionmhas

Fon sgeama aca, bidh Comhairle nan Eilean Siar is Urras Oighreachd Ghabhsainn a' co-dhùnadh air ceadan 'son sgeamaichean cumhachd aig muir ann an sgìre Ghabhsainn agus tro na h-Eileanan an Iar.

Thathas an dòchas gun tig uachdarain choimhearsnachd eile an sàs san àm ri teachd.

Ach ged a tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e adhartas a tha seo, tha dragh orra fhathast nach bi smachd aca air an ionmhas a thig na chois.

Tha iad ag ràdh gun lean an iomairt aca a thaobh sin.

"'S e clach-mhìle shònraichte a th' ann a thaobh an iomairt a th' air a bhith a' dol airson iomadh bliadhna ach am faigheadh muinntir nan eilean agus feadhainn a tha mu thimcheall na h-oirthire smachd air ceadan, agus h-àraidh na ceadan a thathas a' toirt seachad a thaobh Oighreachd a' Chrùin", thuirt an Comh. Dòmhnallach.

"S e là mòr a th' ann san t-seadh sin, ach tha astar againn fhathast ri dhol mus ruig sinn ar ceann-uidhe.

"'S e an ath-phìos den iomairt, 's e dèanamh cinnteach às aig deireadh an sgeama phìleit a tha seo gum bi an Riaghaltas leigte a' mhaoin a tha a' tighinn a-steach - mar a chaidh a ghealltainn le Mgr Salmond nuair a thòisich sinn air an iomairt seo - gheall esan nan deadh 's gum biodh smachd air pròiseactan Oighreachd a' Chrùin, gum biodh an t-ionmhas a' leantainn dhan fheadhainn a bhiodh a' rianachd an sgeama", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile