Luchd-iomairt an grèim

Poilis. Image copyright Charlie Phillips Images
Image caption Poileas Alba aig a' chlàr Dihaoine.

Thathas a' tuigsinn gun deach luchd-iomairt aig Greenpeace air clàr-ola ann an Linne Chrombaidh a chur an grèim.

Bha coltas ann gun robh an iomairt aig Greenpeace seachad oidhche Dhiardaoin nuair a chaidh na poilis an sàs le heileacoptair is bàtaichean gus an dithis luchd-iomairt a bh' ann a thoirt far a' chlàir.

Thàinig car eile san sgeulachd ann an uairean beaga na maidne Dihaoine ge-tà, is Greenpeace a' cur dithis luchd-iomairt eile air bòrd.

Dh'innis Greenpeace feasgar Dihaoine gu bheil an dithis sin a-nise an grèim aig na poilis cuideachd.

Ola

Bhiodh seo a' ciallachadh gun deach aon duine deug a chur an grèim bho thòisich an iomairt Didòmhnaich.

Bha fear de stiùirichean Ghreenpeace, Iain Sauven, air innse nas tràithe Dihaoine gun robh iad 'son an iomairt a chumail a' dol "cho fada 's a ghabhas".

"Tha BP gus tobar ùr fhosgladh gus cothrom a bhith aca air 30 millean baraill de dh'ola - rud nach urrainn a dhol air adhart is sinn ann an èiginn a thaobh na h-àrainneachd.

"Cha leig sinne leis na companaidhean mòra ola a dhol air adhart mar nach eil dad ceàrr, oir bhiodh sin a' ciallachadh gun robh sinn a' treigsinn ar planaid agus ar cuid chloinne", thuirt e.

Thuirt BP gu bheil iad a' cur taic ri deasbad, còmhradh is togail fianais gu sìtheil, ach gu bheil dol-a-mach Ghreenpeace a' cur an cuid fhèin agus daoine eile ann an cunnart.