Bochdainn connaidh ri lùghdachadh

Dampachd foilleasach ann an taigh

Tha bochdainn connaidh fon phrosbaig às ùr is Pàrlamaid na h-Alba air gabhail ri bile a tha a' feuchainn ri piseach a thoirt air an t-suidheachadh a th' ann.

Tha còrr is an dàrna leth de dhachaidhean anns na h-Eileanan Siar ann am bochdainn connaidh.

Tha sin air a thomhas leis gu bheil corr is 10% de thuarastal air a chosg air connadh.

Ghabh Holyrood an t-seachdain seo ri bile a tha ag amas air bochdainn connaidh air feadh Alba a ghearradh.

'S e prìomh amas a' bhile a bhith a' lùghdachdh an àireamh de dhaoine a tha ann am bochdainn connaidh gu 5% ron bhliadhna 2040.

Feumar cuideachd mìneachadh às ùr air dè thathar a' ciallachadh le bochdainn connaidh agus feumaidh an Riaghaltas tighinn suas le plana airson dèiligeadh leis, agus a bhith ag aithris air mar a tha a' dol dhaibh gach dà bhliadhna.

Cosgais

'S e dùthaich bheartach a th' ann an Alba a thaobh cumhachd, ach a rèir mar a tha e air a chlàradh, tha còrr is cairteal de dhaoine ann am bochdainn connaidh.

Tha an àireamh seo ag èirigh gu còrr is 50% anns na h-Eileanan an Iar agus an Arcaibh.

Tha am bile ag aithneachadh na cosgais a bharrachd a th' ann do dhaoine ann an àitean iomallach.

Mhìnich Gòrdan Maloney, a tha ag iomairt airson chòraichean agus taigheadas nas fheàrr do dh'fheadhainn aig a bheil dachaidh air màl, dè na trioblaidean a th' ann.

"Tha sinn a' cluinntinn a h-uile seachdain mu theaghlaichean a dh'fheumas taghadh a dhèanamh eadar biadh a cheannach dhan chloinn no an taigh a bhlàthachadh", thuirt e.

Targaidean

"Tha seo ag adhbhrachadh bochdainn agus daoine a' dol ann am fiachan agus fiù' s daoine a' bàsachadh.

"'S e fìor dheagh rud a th' ann gu bheil an Riaghaltas air seo a chur troimhe ach tha targaidean air a bhith againn roimhe.

"S e aon rud a bhith ag amas agus targaidean a bhith agad ach 's e an rud as cudthromaiche na nì iad.

"Tha e nas miosa ann an taighean air màl agus sa Ghàidhealtachd agus 's na h-Eileanan.

"Chan e dìreach ceist mu phrìs a' chonnaidh a th' ann ach staid nan taighean. Chan urrain dhuinn cur às do bhochdainn connaidh mura cur sin air dòigh staid nan taighean.

Doirbh

"Tha e fada ro dhoirbh a bhith a' toirt air daoine a tha nan uachdarain thaighean air màl, na taighean aca a chàradh. Feumaidh iadsan an obair a dhèanamh.

"Chan eil e math gu leòr toirt air an Riaghaltas pàigheadh airson a h-uile sian.

"Feumar smachd a chumail air màl - gum bi am màl cothromach ri staid an taighe. Sin an rud as cudromaiche dhan Riaghaltas airson gum bi taigh blàth, dìonach aig a h-uile duine", thuirt e

Na h-Eileanan Siar

A rèir aithisg a chaidh a dhèanamh le Seirbheis Comhairle air Cumhachd (TEAS) airson Comhairle nan Eilean Siar ann an 2014, tha trì prìomh adhbharan a' fàgail gu bheil bochdainn connaidh cho dona anns na h-Eileanan.

  • Prìs a' chonnaidh agus mar a tha e a' sior èirigh
  • Na seòrsa taighean a th' ann, a' mhòr chuid dhiubh gu math mòr le aon neach a' fuireach annta agus tric daoine nas sine
  • Tuarastal nas ìsle sna h-Eileanan

Sheall an sgrùdadh gun robh cus a bharrachd thaighean mòra ann a bha doirbh a bhlàthachadh, agus nach robh air an deagh ionsulaideadh.