Dìon air gearradh nam busaichean

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil gearraidhean ann an seirbheisean bus cho domhain 's a bha dùil an toiseach.
Choinnich comhairlichean Diciadain is grunn roghainnean aca a thaobh nam busaichean an Leòdhas is na Hearadh.
Dh'aontaich iad a dhol air adhart le roghainn a ceithir.
Fàgaidh sinn gun tèid seirbheisean a ghearradh tron là is lùghdachadh mòr às dèidh 6f.
Caomhnadh
Thuirt a' Chomhairle gun toir na gearraidhean buaidh air a h-uile sgìre an Leòdhas is na Hearadh.
Dh'innis iad gun sàbhail iad £1.3m.
Tha iad an dòchas a-nise gun cuir coimhearsnachdan air dòigh seirbheisean iad fhèin le taic bhon ùghdarras ionadail.
Chuir Cathraiche na Còmhdail, Ùisdean Robasdan, dìon air na gearraidhean.
"Bha £1.6m de shàbhalaidhean aig a' Chomhairle ri dhèanamh is tha mi a' smaoineachadh gun robh sinn uile gu math eagallach dè thigeadh a-mach aig deireadh an là", thuirt an Comh. Robasdan.
Buaidh
"Mar sin ged a tha gearraidhean ann, chan eil iad buileach cho dona 's a bha dùil againn ris.
"Bidh buaidh aige air feadhainn, tha fios againn air sin, ach tha sinn an dòchas le obair a thaobh còmhdail coimhearsnachd gun urrainn grunn de na beàrnan a tha sin a lìonadh", thuirt e.
Thuirt a' Comhairle gum bi stòras ionadail ann airson coimhearsnachdan a chuideachadh le seirbheisean a chur air dòigh dhaibh fhèin.
Dh'innis iad gum bi tuilleadh chòmhraidhean ann leis an t-sluagh a thaobh mar a thèid seo a thoirt gu buil.
Taic
"Tha feadhainn air tighinn air adhart mar thà a tha ag ràdh gu bheil dòighean ann rudan a dhèanamh", thuirt an Comh. Robasdan.
"Feumaidh sinn dìreach beagan ùine a ghabhail a' feuchainn ri rudan mar sineach a chur air dòigh 'son gum bi dòighean ann, gu h-àraidh do dhaoine a tha a' dol a dh'obair aig amananan a-mach às an àbhaist.
"Busaichean beaga, tha tabhannan air tighinn air staigh mar-thà bho choimhearsnachdan far a bheil busaichean beaga aig a' choimhearsnachd fhèin, a' tabhainn nan seirbheisean aca fhèin a leudachadh.
"Feumaidh sinn coimhead air ciamar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla riutha is barrachd taic a thoirt dhaibh a thaobh chosgaisean", thuirt e.