Thòisich dàrna stailc fad 24 uair de thìde

Port-adhair Shumburgh
Image caption Tha luchd-iùil aig port-adhair Shumburgh air stailc Diluain agus iad mì-thoilichte mun phàigheadh aca.

Tha an dàrna cuairt de stailcean a tha a' toirt buaidh air sia puirt-adhair ann an Alba air tòiseachadh.

Bidh stailcean aig puirt-adhair Shumburgh agus Kirkwall Diluain, agus bheir iomairt an luchd-iùil buaidh air làraich eile Dimàirt.

Tha luchd-iùil air am fasdadh le Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIAL) gu bhith a' sguir de dh'obair agus eus-aonta mun phàigheadh aca a' leantainn.

Tha an stailc fad 24 uair de thìde Diluain a' toirt buaidh air Port-adhair Shumburgh ann an Sealtainn agus air Port-adhairt Kirkwall ann an Arcaibh.

Iomairtean ùra

Bidh stailcean eile ann Dimàirt aig na puirt-adhair ann an Dùn Dè, Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla.

Cha robh luchd-iùil a tha nam buill den aonadh Prospect ag obair aig Port-adhair Inbhir Nis Là na Sàbaid.

Thuirt an t-aonadh nach robh dol às aig na buill aca ach an ceum seo a ghabhail.

Tha Àrd-mhanaidsear HIAL, Inglis Lyon, air a leisgeul a thabhann airson mar a thug an iomairt buaidh air luchd-siubhail.

Image copyright Getty Images
Image caption Bha luchd-iùil aig Port-adhair Inbhir Nis air stailc Là na Sàbaid.

Tha Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil HIAL, air toirt air a' chompanaidh agus Prospect còmhraidhean ùra a bhith aca mar oidhirp fuasgladh fhaighinn air a' bhuaireadh.

Tha an t-easaonta mu phàigheadh air a bhith a' dol fad mhìosan.

Tha Prospect ag iarraidh àrdachadh pàighidh de co-dhiù 10% agus iad ag ràdh gu bheil luchd-iùil san roinn phrìbhidich a' cosnadh mòran a bharrachd.

Thòisich iad gun a bhith a' dèanamh uairean a bharrachd sa Ghiblein, agus b' fheudar do shia puirt-adhair dùnadh sa Chèitean air sgàth stailc a mhair 24 uair de thìde.

Iarrtas airson còmhraidhean ùra

Cha do ghabh buill Prospect ris an tairgse mu dheireadh a fhuair iad bhon luchd-fastaidh.

Am measg na bha HIAL a' tabhann orra 's e £10,000 a bharrachd thairis air còig bliadhna.

Thuirt oifigeach Prospect, Dàibhidh Avery, gun do rinn an t-aonadh gach oidhirp gus nach toireadh na stailcean buaidh air tachartasan mòra.

Thuirt Mgr Lyon gu robh iad fìor dhuilich mun troimh-chèile sna seirbheisean aca agus a' bhuaidh a bheireadh sin air na ceudan luchd-siubhail.

Thuirt e: "Tha sinn airson fuasgladh fhaighinn air an àimhreit seo cho luath sa ghabhas agus tha sinn ag iarraidh air Prospect thighinn chun a' bhùird a-rithist feuch am faigh sinn gu aonta a riaraicheas gach taobh."

Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba: "Tha sinn air a bhith soilleir leis an dà chuid HIAL agus Prospect gum feum tairgse pàighidh a bhith a rèir Poileasaid Pàighidh na Roinne Poblaich ann an Alba."