Dùil ri còmhradh mu Oighreachd nam Bàgh

Tha dùil gun tèid baileat a chumail ro dheireadh na bliadhna feuch cia mheud de mhuinntir Bhàgh na Hearadh a tha airson an oighreachd a cheannach.

Tha 30 mìle acair de thalamh san oighreachd a' sìneadh bhon Tairbeart gu Fionnsbhagh, a' toirt a-steach An Taobh Tuath, Srannda agus Borghasdal cho fada ri Eilean Bheàrnaraigh.

Tha i air a bhith fo shealbh an teaghlaich Hitchcock on cheannaich iad i bhon Mhorair Leverhulme airson £5,000 sa bhliadhna 1925.

Image caption Tha an oighreachd a' toirt a-steach sgìre mhòir sna Hearadh agus Beàrnaraigh.

Tha faisg air seachd bliadhna ann on a thòisich iomairt na coimhearsnachd airson an oighreachd a ghabhail thairis, ach cha do rinn iad mòran adhartais gu ruige seo.

Chan eil an t-uachdaran air innse dhan choimhearsnachd gu bheil e deònach an talamh a reic riutha, ach tha e air leigeil fhaicinn gum biodh e deònach bruidhinn ri muinntir na sgìre ma bhòtas mòr-chuid airson am fearann a cheannach.

Tha Iain MacLeòid na bhall de bhuidhinn-stiùiridh Oighreachd nam Bàgh.

"Bha cnapan-starra a' tighinn thugainn bho àm gu àm agus bha e a' toirt cho fada agus cha robh mòran againn a b' urrainn a ràdh ris an t-sluagh, ach tha sinn a-nis a' tighinn gu deireadh a' cho-dhùnaidh," thuirt e.

Image caption Tha a' bhuidheann-stiùiridh ag ràdh gu bheil sealbh coimhearsnachd a dhìth airson stad a chur air crìonadh eaconomach sa sgìre.

Ao-coltach ri cuid de sgìrean a bhios a' faighinn teachd-a-steach bho mhàl croitearachd a-mhàin tha teachd-a-steach fallain aig an oighreachd seo ri linn crainn fòn-làimhe, stèistean dealain agus tuathanasan-èisg.

Bhiodh aig a' choimhearsnachd ri pròiseactean eile airson airgead a dhèanamh a bhith san amharc aca nan robh iad a' dol a dh'fhaighinn airgid phoblaich airson am fearann a cheannach.

Tha John Maher cuideachd air a' buidhinn-stiùiridh: "Fiù 's gun a bhith a' dèanamh càil a bharrachd na tha an t-uachdaran an-dràsta a' dèanamh gheibheamaid teachd-a-steach, ach ma tha Stòras Fearainn na h-Alba a' dol a thoirt dhuinn suim airgid tha iad airson fios a bhith aca dè gheibh iad às a' mhaoineachadh sin.

"Bhiodh iad ag iarraidh 's dòcha gun tigeadh barrachd dhaoine a dh'fhuireach san sgìre, obraichean ùra agus stad a chur air crìonadh san àite," thuirt Mgr Maher.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh ag ràdh gum faodadh gur e seo an cothrom mu dheireadh an sgìre ath-bheòthachadh, agus nach eil cus coltais ann gun tachair sin mura gabh iad fhèin thairis an oighreachd.