Stailc a' dùnadh phort-adhair eileanach

Port-Adhair Steòrnabhaigh Image copyright Stephen Branley/Geograph

Tha an treas stailc a' gabhail àite Dimàirt am measg luchd-iùil a tha ag obair do chompanaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL).

Tha an stailc a' dùnadh phort-adhair Steòrnabhaigh, Bheinn nam Fadhla, agus Dhùn Dè.

'S ann mu phàigheadh a tha an luchd-iùil agus an t-aonadh aca Prospect ag iomairt, agus iad ag iarraidh pàighidh co-ionnan ris na gheibh luchd-iùil anns an roinn phrìobhaidich ann am pàirtean eile de Bhreatainn.

Tha HIAL, a tha san roinn phoblaich, ag ràdh gum feum iadsan poileasaidh pàighidh Riaghaltas na h-Alba a leantainn.

Bha Port-Adhair Inbhir Nis dùinte Didòmhnaich, le stailc eile a' gabhail àite Diluain aig puirt-adhair Sumburgh agus Circeabhal.

Chaidh stailcean eile a chumail tron t-samhradh.

Thabhainn àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, leisgeul air luchd-siubhail airson nan duilgheadasan a dh'adhbharaicheas na stailcean.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air an dà thaobh còmhraidhean a thòiseachadh a-rithist airson aonta a ruighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo