Dìon air co-dhùnadh tuath-gaoithe

Crann-gaoithe

Chuir Cùirt an Fhearainn dìon air co-dhùnadh gun cead a thoirt do cheithir bailtean tuath-gaoithe a thogail air an aon làraich ri fear Urras Steòrnabhaigh.

Rinn croitearan ann an Sanndabhaig, Aignis, Mealabost agus Bràighe na h-Aoidhe ath-thagradh an dèidh do Choimisean na Croitearachd cead a dhiùltadh dhaibh crainn-ghaoithe a chur an-àirde air an talamh ionaltraidh aca air iomall Steòrnabhaigh.

'S ann le Urras Steòrnabhaigh a tha am fearann agus tha an t-uachdaran poblach as sine an Alba air cead a thoirt do chompanaidh eile, Lewis Wind Power, leis a' chompanaidh mhòr Fhrangach, EDF, os a chionn, airson tuath-gaoithe mòr a thogail air an aon làraich.

Am beachd Cùirt an Fhearainn bha cunnart ann gun cuireadh iarrtas nan croitearan às do phlana an Urrais.

Tha Urras Steòrnabhaigh a' meas co-dhùnadh na cùirteach mar chlach-mhìle chudromach, ged a tha iad tàmailteach gun robh aca ri dhol an sàs sa ghnothach idir.

Thuirt Siamarlan an Urrais, Iain MacÌomhair: "Chaidh innse dha na croitearan nach b' e dòigh chiallach a bh' ann a' dol timcheall air pròiseict den mheud a bha iad a' bruidhinn air a chur air adhart, agus cuideachd mothachail gun robh sinne air cead a thoirt do chompanaidh eile crainn a thogail air an aon làraich, agus bha cead-dealbhachaidh.

"Tha fios againn cho cudromach 's a tha a' phròiseict airson chan e a-mhàin an leasachadh fhèin a dhol air adhart ach leasachaidhean sa choimhearsnachd, agus tha fios againn gu bheil ùidh mhòr am measg nan coimhearsnachdan airson sin a dhèanamh.

"Rud a bha na croitearan a' feuchainn ri dhèanamh, bha e a' dol an aghaidh sin, agus bha e a' cur a h-uile càil a bh' ann ann an cunnart."

Image caption A' chiad tuath-gaoithe a chaidh a thogail ann an Leòdhas.

A rèir nan croitearan bhiodh tòrr a bharrachd buannachd ann don choimhearsnachd nam biodh na sgeamaichean aca a' dol air adhart seach an sgeama mòr coimearsalta eadar Urras Steòrnabhaigh agus a' chompanaidh Lewis Wind Power.

Tha Mgr MacÌomhair a' gabhail ris gum faodadh sin a bhith ceart nam biodh e comasach do leasachaidhean nan croitearan a dhol air adhart mar a tha iad a' miannachadh ach gum biodh e glè dhuilich do dhuine sin a' choileanadh mar a tha cùisean an-dràsta.

"Bhiodh sinn na b' fheàrr feuchainn ri faicinn gum biodh na pròiseictean beaga a tha feadhainn eile sa choimhearsnachd ag iarraidh, gum bi e comasach dhaibhsan sin a chur air adhart, agus ma thig an càball air sgàth agus gu bheil na pròiseictean mòra ann airson taic a thoirt dhaibh buannaichidh a h-uile duine an uairsin," thuirt Mgr MacÌomhair.

Image copyright Getty Images

Briseadh-dùil

Tha na croitearan ag ràdh gu bheil breithneachadh na cùirteach do-chreidsinneach leis gun do ghabh e ri casaid Urras Steòrnabhaigh gun dèanadh iarrtas nam bailtean cron orra.

Thuirt Rhoda NicCoinnich, tè-labhairt Chumhachd Coimhearsnachd Shanndabhaig a Tuath, nach tàinig dearbhadh air dè an cron a bhiodh ann dhan Urras.

"Tha e duilich a thuigsinn ach tha mi den bheachd gun tug iad èisteachd do dh'Urras Steòrnabhaigh leis gu bheil còir aca a bhith ag obair a chum maith na coimhearsnachd.

"Tha e follaiseach nach eil sinn den bheachd gun dèan na molaidhean againn cron air an uachdaran. Fon mholadh againn bhiodh cuid de na crainn coimhearsnachd againn a' dol an àite feadhainn EDF agus bheireadh iad sin an aon mhàl dhan uachdaran agus cuireadh iad mòran a bharrachd airgid a-steach dhan eilean air fad.

"Tha sinn air ar tàmailteachadh gu mòr le riaghlaidh Cùirt an Fhearainn, agus tha sinn a-nis a' beachdachadh air na roghainnan againn, agus am measg sin 's e cùis shònraichte a thoirt gu Cùirt an t-Seisein," thuirt Ms NicCoinnich.

Chaidh i cuideachd às àicheadh gun robh dùbhlan nan croitearan "bacail" agus gun deach innse dhaibh gun robh an lagh air an taobh.

Thuirt i: "Bha 116 tagradh an aghaidh Tuath-Gaoithe Steòrnabhaigh, agus chan ann bho na ceithir bailtean croitearachd a thàinig iad.

"Nan robh mise den bheachd gun robh Urras Steòrnabhaigh a' dèanamh an rud as fheàrr airson na coimhearsnachd, cha bhithinn air a' chùis a thoirt gu Cùirt an Fhearainn sa chiad dol-a-mach

"Bha sinn ag obair às leth 90% de chroitearan a' bhaile aig a bheil earrann den talamh ionaltraidh far am bi an leasachadh seo.

"Fon lagh tha 21 là againn gus co-dhùnadh a bheil sinn a' dol a dhèanamh ath-thagraidh air riaghladh Cùirt an Fhearainn, agus feumaidh sinn uile a bhith air an aon ràmh, agus bidh sinn a' sireadh comhairle laghail mus gabh sinn ceum eile," thuirt Rhoda NicCoinnich.

Dùbhlain eile

Tha an t-Urras a' gabhail ris gu bheil dùbhlain gu leòr eile air fàire. Mus bi an Samhradh seachad bidh e nas soilleire dè tha an dàin do na leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail ann an Leòdhas.

Tha dùil ri dearbhadh bho Ofgem a tha a' beachdachadh air meud a' chàbaill mhara ùir a thèid a chur tarsainn a' Chuain Sgìth eadar Leòdhas agus Tìr-Mòr agus a bheir dealan a thèid a chruthachadh sna h-eileanan gu margaidhean aig deas.

"Tha fios againn gu bheil iad a' moladh 450MW; tha an t-iarrtas air a dhol a-steach airson 600MW. Tha fios againn gum bi e cudromach gum bi na pròiseictean mòra ann ma tha cothrom sam bith air an 600MW fhaighinn.

"Ma thig an 600MW tha sin an uairsin a' fàgail 's dòcha nas fhasa dha na pròiseictean mòra cùmhnant fhaighinn agus cuideachd a' fosgladh an dorais dhan choimhearsnachd na pròiseictean aca fhèin a chur air adhart air cùl sin," mhìnich Mgr MacÌomhair.

Bidh fios an do shoirbhich le iarrtas Lewis Wind Power cùmhnant fhaighinn fom faigh iad subsadaidh riaghaltais.

A bharrachd air an sin, chan eil oidhirp laghail nan croitearan stad a chur air leasachadh Lewis Wind Power seachad.

Bidh an èisteachd aig Cùirt an Fhearainn a' breithneachadh air cho cothromach agus tha an t-suim airgid a gheibh na bailtean croitearachd bho Thuath-Gaoithe Steòrnabhaigh a h-uile bliadhna.