Amharas mu chliathadh chreachain mì-laghail

An sgeir a chaidh a mhilleadh Image copyright SNH
Image caption Fhuair an sgrùdadh gu robh e coltach gur e cliathadh chreachain a bu choireach airson mar a chaidh an sgreir a mhilleadh

Tha Buidheann Mara na h-Alba a' sgrùdadh chasaidean gu robhar ri chliathadh mì-laghail ann an sgìre ghlèidhte aig muir.

Fhuair a' bhuidheann aithris gun deach bàt-iasgaich fhaicinn ann an Loch Bhraoin air Taobh Siar Rois an t-seachdain sa chaidh.

Tha dreidseadh air a chasg san sgìre ghlèidhte san loch faisg air Ulapul agus cuideachd mu na h-Eileanan Samhraidh.

Chaidh Sgìre Ghlèidhte Thaobh Siar Rois a stèidheachadh airson dìon a thoirt do fhiadh-bheatha agus cruth na tìre bhon Linn Deighe mu dheireadh.

Tha fianais ann air grunnd na mara far a bheil claisean a dh'fhàg deigh-shiubhail agus na cùirn de chreagan agus clachan a dh'fhàg e às a dhèidh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu robh cliathadh air a chasg agus nach gabhadh iad ri obair mhì-laghail.

Tha iad ag iarraidh air daoine aig a bheil fiosrachadh mu na thachair a dhol gu na h-ùghdarrasan.

Image copyright Andy Jackson

Thuirt Nick Underdown bhon bhuidheann ghlèidhteachais, Open Sea, gu bheil e tàmailteach aithris eile a chluinntinn gum faodadh gu robh dreidseadh mì-laghail a' dol.

Fhuaireadh gun deach creachain teine ann an Loch Carann a mhilleadh air sgàth obair dreidsidh ann an 2017.

Chaidh inbhe dìon a chur air sgeir far an robh mòran den mhaorach lag seo far chosta an iar thuath de dh'Alba aig toiseach na bliadhna an dèidh mar a rinn cliathadh chreachan milleadh mòr orra.

Bha ministearan air càsg rè-ùine a chur air iasgach dreidsidh ann an Loch Carann an dèidh mar a thachair sa loch ann an 2017.

Sa Chèitean chaidh inbhe MPA a chur air sgìre den loch mhara.