Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Tha Boris Johnson trang a' cur caibineit ùir ri chèile 's e a' dèanamh deiseil airson dreuchd a' Phrìomhaire a ghabhail thairis feasgar. Tha aithrisean ann gun tèid seann Rùnaire an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, Priti Patel, ainmeachadh mar Rùnaire na Dùthcha. Ach tha e air aithris gun do dhiùlt Jeremy Hunt dreuchd Rùnaire an Dìon, 's e a' faireachdainn gur e ìsleachadh a bh' ann bhon dreuchd a bh' aige mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèine.

An toiseach thèid Theresa May chun na Bàn-righinn a leigeil dhith a dreuchd gu foirmeil, an dèidh dhi Ceistean a' Phrìomhaire a fhreagairt ann an Taigh nan Cumantan airson an turas mu dheireadh. Chì Mgr Johnson a' Bhàn-righ an uairsin airson an dreuchd a ghabhail gu h-oifigeil. Tha dùil gun tèid e gu Sràid Dhowning, far an dèan e a' chiad òraid mar Phrìomhaire.

Tubaist

Chaidh dithis dheugairean a dhroch ghoirteachadh an dèidh do bhana bualadh annta air rathad dùthchail ann am Peairt is Ceann-Rois. Thachair e feasgar an-dè air an rathad gu Rait, timcheall air 3:30f. Bha a' chlann-nighean 14 agus 15 bliadhna de dh'aois, agus chaidh an toirt a dh'Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè. Tha na Poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.

Dealanaich

Tha dealanaich air trioblaid a dhèanamh do thrèanaichean ann an Alba. Mhill i siostam rabhaidh na loidhne eadar Inbhir Nis agus a' Mhanachainn, 's chaidh maill is casg air cuid de sheirbheisean. Tha cuideachd trèanaichean à Inbhir Nis gu deas a' ruith beagan air dheireadh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha comhairlichean air dà sgìre den Ghàidhealtachd - an t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois - ag iarraidh barrachd chumhachd dha na sgìrean aca taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd. Chuir ceathrar chomhairlichean Taobh Siar Rois iarrtas oifigeil chun na Comhairle gum biodh an uard acasan air a dhèanamh nas lugha, le comataidh sgìreil ùir aig am biodh cumhachd air buidseat is seirbheisean.

Stailc Rèile

Tha buill an aonaidh RMT a tha ag obair air trèana oidhche a' Chaledonian air bhòtadh airson a dhol air stailc. Tha iad mì-thoilichte mu dhòighean-obrach. A rèir an aonaidh, tha cus uallaich orra anns an àite obrach an dèidh trèanaichean ùra tòiseachadh anns a' Ghiblean, agus tha e a' toirt buaidh air slàinte-inntinn. Tha na seirbheisean aig Serco a' dol eadar Glaschu, Dùn Èideann agus Lunnainn.