Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gnìomhachas ùr eileanach le fear à Siria

24 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ochd teaghlaichean a theich bho chogadh is cruaidh chàs ann a Siria air an dachaigh a dhèanamh ann an Steòrnabhagh.

A dh'aindheoin sìde, cànan agus cultur gu math diofraichte, fhuair iad fois agus fàilte air an eilean.

Tha cuid den chloinn air a dhol tron sgoil agus iad a-nis air a dhol dhan oilthigh.

Tha pàrantan, a leithid Mohamed Omar Edris, a' cleachdadh nan sgilean aige gus gnìomhachas ùr a thòiseachadh le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar.