Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Dh'innis Boris Johnson dhan Chaibineat ùr an-diugh gu bheil obair fìor mhòr romhpa, 's iad a' coinneachadh airson a' chiad uair bho chaidh esan ainmeachadh mar Phrìomhaire an-dè. Dh'fhàg, no chaill, 17 de dh'àrd-mhinistearan Theresa May an dreuchd an-dè. Chaidh feadhainn a tha gu mòr airson Bhrexit nan àite, leithid Dominic Raab, Rùnaire ùr nan Dùthchannan Cèin.

Nissan

Tha a' chompanaidh chàraichean Nissan am beachd còrr is 12,000 cosnadh a ghearradh air an ath-thrì bliadhna air feadh an t-saoghail. Thuirt Nissan gu bheil prothaidean a' tuiteam leis nach eil iad a' reic uimhir de chàraichean. Chan eil e follaiseach fhathast càite am bi na gearraidhean sin, agus an toir iad buaidh air làrach na companaidh ann an Sunderland.

Jeffrey Epstein

Tha aithrisean às na Stàitean Aonaichte gun deach an t-ionmhasair ainmeil Jeffrey Epstein fhaighinn na leth-mhothachadh na chealla anns a' phrìosan ann an New York. Tha Mgr Epstein an sin fo chasaid gun robh e ri feise ri nighnean òga. Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean sin. Tha oifigich anns a' phrìosan a' rannsachadh an do dh'fheuch e ri cron a dhèanamh air fhèin, no an deach ionnsaigh a thoirt air.

Bàs Iasgair

Thuirt poilis gun tèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin, ged nach eil iad amharasach mu bhàs iasgair ann an Uibhist a Deas. Chaidh corp an duine, a bha 57, fhaighinn air cladach Loch a' Chàrnain feasgar an-dè.

Teas

Tha a h-uile coltas gum faodar an teas as motha riamh ann am Breatainn a chlàradh an-diugh. Tha dùil gum bi i cho blàth ri 39 Celsius ann an ceann an ear-dheas Shasainn. Tha ceannardan na rèile ag ràdh gum bi maill air seirbheisean le casg air astar nan trèanaichean, air eagal 's gum bi na loidhnichean a' lùbadh leis an teas.

Dialysis

Gheall Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd seirbheis Dialysis dhan Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse, a' tòiseachadh an ath-bhliadhna. An-dràsta tha còignear às an eilean agus Loch Aillse, air a bheil tinneas nan dubhag a' siubhal a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis trì tursan anns an t-seachdain.

Aiseagan

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar ri Riaghaltas na h-Alba an ath-sheachdain a bhruidhinn air na seirbheisean aiseig. Tha ceistean aig a' chomhairle mu cuin a thig na bàtaichean ùra, agus dè tha gu bhith a' tachairt ma tha còrr is aon bhàta a-mach à seirbheis aig an aon àm.

Agus tha dragh air feadhainn anns na Hearadh a tha ag ràdh gum bi iad anns an aon shuidheachadh ri Barraigh a dh'aithghearr le mì-chinnt mu na seirbheisean aiseig. Thuirt Iain MacLeòid bho Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh gu bheil am bàta a th' ann, an MV Hebrides, a' fàs sean, agus nach eil cinnt sam bith ann cuin a thig bàta ùr na h-àite.