Dragh sna Hearadh gun caillear aiseig

Bàt'-aiseig an MV Hebrides
Image caption Tha dragh air cuid sna Hearadh mun bhuaidh air na seirbheisean aiseig aca agus an obair air tè ùr a th' air dheireadh.

Coinnichidh CnES agus Riaghaltas na h-Alba airson bruidhinn mu sheirbhisean agus soithichean Chaledonian Mhic a' Bhruthainn.

Tha ceistean aig a' Chomhairle mu cuin a thig bàtaichean ùra agus tha draghan orra mun bhuaidh air seirbheisean a' chosta an iar nuair a tha còrr agus aon bhàta a-mach à seirbheis aig an aon àm.

Tha an obair togail air dà shoitheach ùr aig Gàradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh co-dhiù dà bhliadhna air dheireadh agus chaidh prìs a' chùmhnant an-àirde cha mhòr a dhà uimhir gu faisg air £2m.

'S e sin a tha ag adhbhrachadh na h-àimhreit eadar a' chompanaidh togail agus CMAL, ris a bheil cabhlach ChalMac agus cuid de na cidhichean agus goireasan puirt an urra.

Dìth-eòlais

Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gur e an t-uallach as motha a th' orra nach eil iad a' faicinn faochaidh air an t-suidheachadh a tha seo airson dà bhliadhna eile co-dhiù.

Thuirt e gu bheil soilleireachadh a dhìth airson agus gum biodh fios aca air na dh'fheumadh iad a dhèanamh san ùine ghoirid.

"'S e an dragh as motha a th' oirnn, 's e aig àm air choireigin gu bheil a dhà dhiubh a' dol a bhriseadh sìos aig an aon àm.

"'S e an duilgheadas a th' againn, 's e nach eil misneachd againn gu bheil fios aig an fheadhainn a tha os an cionn shìos ann an Guraig dè tha iad a' dèanamh," thuirt Mgr Robasdan.

Tha Mgr Robasdan a' gabhail ri beachdan sgiobair ChalMac a tha a' fàgail a dhreuchd agus a thug dubh-chàineadh air manadsairean na companaidh aiseig.

"Tha e doirbh dhuinne daoine fhaicinn a' tighinn gu co-dhùnaidhean cho fada air falbh aig nach eil misneachd againn gu bheil fios aca dè tha iad a' dèanamh, gu bheil eòlas aca air eileanan, gu bheil eòlas aca air aiseagan, agus gu bheil eòlas aca air na duilgheadasan a tha a' tighinn air coimhearsnachd sam bith a tha a' call seirbheis aig àm sam bith," am beachd Mgr Robasdain.

Image caption Bha muinntir Bharraigh gun seirbheis aiseig nuair a bhris am bàt'-aiseig aca sìos.

B' e sin a thachair ann am Barraigh bho chionn ghoirid nuair a bhris an MV Isle of Lewis sìos agus a b' fheudar soitheach a thoirt far slighe eile.

Tha rabhadh ann bho fhear de bhuill Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh gum faod an t-eilean a bhith a cheart cho dona le seirbheisean aiseig am-bliadhna 's a bha Barraigh.

Tha Iain MacLeòid ag ràdh nach eil cinnt aca cuin a thig bàta ùr.

"Tha iad a' bruidhinn a-niste air deireadh na h-ath-bhliadhna mus tig an tè ùr.

"Chan eil mi ag ràdh nach bi duileaghadas againn an ath-Shamhradh agus gum bi seirbheisean air an gearradh agus gun tòisich tòrr thrioblaidean ann an seo cuideachd a chionn 's tha na bàtaichean cho aosta," thuirt Mgr MacLeòid.