Lochaline
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coille dhan a' choimhearsnachd

25 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha oidhirpean mhuinntir a Mhobhairne a tha airson tè de na h-oighreachdan aca a cheannach, air ceum air aghaidh a ghabhail.

Fhuair Companaidh Coille Coimhearsnachd na Morbhairne taic airgid luach £6,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus ro-sgrùdadh eaconomach a chur air dòigh.

A-rèir an fhiosrachaidh as ùire bho dhreach de sgrùdadh eaconomach, dh'fhaodadh a leithid a bhith soirbheachail. Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.