Tubaist eadar càr agus bus air iomall Steòrnabhaigh

Tubaist rathaid
Image caption Thachair an tubaist eadar bus agus càr taobh a-muigh baile Steòrnabhaigh.

Bha tubaist eadar bus agus càr taobh a-muigh Steòrnabhaigh beagan às dèidh 09:00m Dihaoine.

Bha am bus air an t-slighe a-mach às a' bhaile nuair a bhuail e agus càr a bha a' tighinn bhon taobh eile na chèile.

Chaidh an rathad a dhùnadh buileach eadar Lànaig Lacasdail agus an rathad a' dol gu Sgìre nan Ceàrn a' chiad ghreis.

Cha bhith ach aon slighe a-nis fosgailte gus an tèid am bus a thoirt air falbh.

Tha na poilis ag ràdh nach deach duine a ghoirteachadh ro dhona san tubaist.